5 Latha: 2 – 7 Giblean 2018

Thèid an t-seachdamh 5 Latha a chumail eadar 2-7  Giblean 2018 aig Taighean-dubha Na Gearrannan, Eilean Leòdhais.

Mar as àbhaist bidh taghadh farsaing de chur-seachadan mar phàirt dhan phrogram againn le ceòl, còcaireachd, croitearachd, clò is craic gu leòr mar phàirt dhan t-seachdain.

Bidh com-pàirtichean ag obair le eòlaichean a tha fuireachd as a’ chòimhearsnachd timcheall aitr Na Gearrannan, ag ionnsachadh mu na gnìomhan a tha mar phàirt dhan obair aca le cothrom fheuchainn air cuid dha na tha iad a’ dèanamh. Ged nach fheum comas ciùil a bhith aig com-pàirtichean airson 5 Latha a fhrithealadh, bidh sinn a’ tabhann cothroman sònraichte ceòl is òrain ionnsachadh bho shàr luchd-ciùil na Gàidhlig nam measg Ian Mac a’ Ghobhainn (Trailwest), Ellen NicDhòmhnaill (Dàimh) agus Norrie MacIomhair (Skipinnish)

Tha an seachdain còmhnaidh seo fosgailte do dh’ àrd-sgoilearan a tha fileanta sa Ghàidhlig ‘s tha e a cosg £100 airson an t-seachdain.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu 5 Latha 2018 bho Calum Macmhaoilein air 01463 225559 no calum@feisean.org Brùthaibh air a’ cheangal gu h-ìseal airson am foirm-iarrtais a lìonadh ro Dhiluain 12 Gearran. Chan eil ach 16 àiteannan ri fhaotainn ‘s thèid àitichean a dhearbhadh às dèidh an ceann-latha seo.

Foirm iarrtais / Application form 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council