Acadamaidh nam Fèis
Tha Acadamaidh Rìoghail na h-Alba airson Ceòl agus Dràma (RSAMD), Institiud OGE nam Mìle Bliadhna (OGE), Sabhal Mòr Ostaig (SMO) agus Fèisean nan Gàidheal (FnG) a’ dol a rannsachadh còmhla, dòighean eadar-dhealaichte gus am buidheann ùr a stèidheachadh agus a ruith, buidheann a thathar an dòchas a bhrosnaicheas agus a leasaicheas ceòl traidiseanta, dràma agus dannsa.
Tha ainm an iomairt a’ tighinn bho ghluasad nam Fèisean a tha air a bhith air leth soirbheachail agus a tha a’ tarraing mìltean de dh’òigridh gach bliadhna gu na fèisean oideachaidh ann an ceòl traidiseanta, dràma agus dannsa, a chuid as motha dhiubh air an cumail sa Ghàidhealtachd, ach tha àireamhan a’ dol suas sa Ghalldachd.
“Tha seo air leth riatanach,” thubhairt Iain Wallace, Prionnsabal RSAMD, “gus dèiligeadh ris an iarratas do-chreidsinneach a tha air a bhith a’ fàs airson ceòl traidiseanta ann an Alba, anns na deich bliadhna mu dheireadh air feadh Alba air fad. Tha sinn a’ faicinn dhaoine òga le tàlantan mìorbhaileach a’ tighinn tro na dorsan againn airson ar ceum ann an Ceòl Albannach ach tha sinn luma-làn – feumaidh sinn cothroman a bharrachd a chruthachadh.”
