Clasaichean Chiùil Seachdaineach
Frithealadh chlasaichean
Tha e cudromach gum bi thu a’ frithealadh nan clasaichean gu riaghailteach gum bi thu a’ togail suas do sgilean ‘s d’ eòlas.
Tha sinn ag iarraidh air gach pàrant/neach-cùraim gun dèan iad cinnteach gu bheil na sgoilearan a’ tighinn chun nan clasaichean aig an àm cheart agus feumaidh iad a bhith air an togail an àirde aig deireadh nan clasaichean. Chan eil uallach air an luchd-teagaisg airson a bhith a’ teagasg ach aig na h-amannan stèidhichte.
Ma tha thu airson sguir tighinn gu na clasaichean cuir fios gu Fèis Rois agus mar sin faodaidh sinn an t-àite agad a thabhann do chuideigin a tha air an liosta-feitheimh. Ma tha e neo-chomasach dhut tighinn aon teirm cuir fios oirnn agus faodaidh sinn innse dhan neach-teagaisg agus na clàran a chumail ann an òrdugh. Bu chòir gach com-pàirtiche a bhith air pàigheadh agus air clàradh airson gach clas ro làimh. Airson foirmean clàraidh brùth an seo.
Comhairle mu Dheasachadh
Tha sinne a’ moladh gun bu chòir dhut a bhith a’ deasachadh airson co-dhiù 15 mionaid gach là. Leig le do phàrantan agus do charaidean cluinntinn mar a tha thu a’ faighinn air adhart agus faodaidh iadsan a bhith gad mholadh is gad bhrosnachadh.
Tha sinn cuideachd a’ moladh gum bu chòir do chom-pàirtichean clas a bhith a’ ceannach ‘chromatic electronic tuner’, airson an ionnsramaid agad a chumail am fonn, airson an cleachdadh a dhèanamh nas fhasa, airson do sgilean a leasachadh agus airson lùghdachadh an ùine a tha thu a’ toirt a’ cur an ionnsramaid agad an gleus nuair a tha thu ann an clas.
Poileasaidh Droch Aimsir
Tha tòrr de na clasaichean againn air an cumail ann an toglaichean-sgoile, agus mar sin ma tha an sgoil dùinte a chionn ‘s gu bheil droch aimsir ann bidh na clasaichean againn air an cur dheth.
Nì sinn a h-uile oidhirp airson innse dhut ma tha na clasaichean air a bhith air an cur dheth. Ma tha amharas sam bith agad cur do shàbhailteachd fhèin an toiseach.