| An Sgoil Shamhraidh Dhràma 2008 | |
| 09 An Giblean 2008 An Sgoil Shamhraidh Dhràma 2008 Gheibh deugairean aig a bheil Gàidhlig cothrom sgilean thèatar proifeasanta ionnsachadh aig Sgoil Shamhraidh Dràma ùr a thèid a chumail ann an Eilean Sgitheanach as t-samhradh. Tha an Sgoil, a tha gu bhith air a chur air bhonn le Fèisean na Gàidheal agus Theatre Hebrides, a’ ruith bho 30 Ògmhios gu 11 Iuchar ann am Port Rìgh agus bidh i fosgailte do dhaoine òga eadar 14 agus 18 bliadhna a dh’aois agus fad na cola-deug gheibh iad trèanadh ann an taghadh farsaing de sgilean eadar-dhealaichte o shàr-eòlaichean anns na roinnean aca. ‘S ann fo stiùir Dennis Cahill, Stiùiriche Ealain on Companaidh Thèatar Canèideanach Loosemoose, a bhios an cursa agus am measg an luchd-teagaisg a bhios an sàs, bidh Mairead Ros, a tha ainmeil an dà chuid mar chleasaiche agus neach-oideachaidh. Am measg nan clasaichean a thèid a chumail bidh sgilean gutha, gluasad, sgrìobhadh sgriobtaichean is cleasachd agus thèid cùrsa air leth a chumail aig an aon àm ann an sgilean teicnigeach leithid mar a làimhsichear solais, fuaim agus rianachd àrd-ùrlair. Tha Dougie Beck, co-òrdanaiche na Sgoile, an dòchas gum brosnaich a leithid an dà chuid sgilean dràma òigridh agus an cuid misneachd a dhol a sàs ann am barrachd thèatar anns an fhad ùine. Thuirt e “Tha beàrn mòr air a bhith ann an thèatar òigridh Ghàidhlig on a sguir na Sgoiltean dràma a b' àbhaist a bhith air an cumail le Pròiseact nan Ealan ann an Lìonacleit anns na 80an agus na 90an. Bha iad sin air leth soirbheachail agus chuidich iad toiseach-tòisichidh a thoirt do dhaoine òga a tha an diugh a dèanamh an cuid cosnadh o bhith cleasachd. Bhiodh e sgoinneal nam b’urrainn dhuinn an aon chothrom a thabhann do dhaoine òga an latha an-diugh.” Thuirt Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig; “Tha Fèisean nan Gàidheal air a bhith an-sàs barrachd is barrachd ann an leasachaidhean dràma na Gàidhlig, agus tha ath-steìdheachadh Sgoil Shamhraidh na cheum gu math cudromach ann an ath-nuadhachadh saoghal dràma na Gàidhlig aig ìre coimhearsnachd agus ìre proifeiseanta.” Thathar a' tabhann fichead àite uile gu lèir agus thèid deuchainnean an cumail aig toiseach a' Chèitein airson àitean a thoirt seachad. Thèid na cosgaisean air fad a phàigheadh dhaibhsan a tha soirbheachail. Bidh an Sgoil Shamhraidh air a maoineachadh le taic bho Iomairt na Gàidhealtachd, Comunn na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle Ealain na h-Alba, le taic eile a’ tighinn bho Thaigh-cluiche Eden Court. Ma tha ùidh aig deugaire sam bith pàirt a ghabhail anns an Sgoil, bu choir dhaibh fios a chur gu Seònaid NicDhomhnaill aig Fèisean Nan Gàidheal air 01463 225559 neo air post-dealain aig drama@feisean.org ro 18 Giblean. | |
