Graphic version of this page | Change how these pages look

[Image - Fèisean nan Gàidheal]

English:

Gàidhlig




welcome



news



events



fèisean



projects



information



shop



contacts

Celebrating
Highland Music...
3rd - 12th September 2010
(External) more info
(External) [Image - mygaelic.com]
(External) RSS News
(External) RSS Events


Fèis na h-Òige: A' comharrachadh 10 bliadhna de leasachadh


Fèis na h-Òige: A' comharrachadh 10 bliadhna de leasachadh
Back

03 May 2010


Thoisich an Fhèis, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis, le bhith a' tabhann bùithtean-obrach Disathairne ach a-nis tha na tachartasan aca air leudachadh gu mòr le Fèis fad seachdain as t-samhradh, clasaichean seinn gach seachdain agus deireadh-seachdainean còmhnaidh do dheugairean. Thairis air na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh tha com-pàirtichean na Fèise air a bhith an sàs le pròiseactan mòra a leithid Blas agus Gàidhealtachd 2007 a bharrachd air taisbeanaidhean aig tachartasan ionadail.
'S e an iomairt as ùr aig Fèis na h-Òige, deireadh-seachdain còmhnaidh de phìobaireachd tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad do dhaoine òga. Bheir seo cothrom do chluicheadaran òga an fheadan 's nam pìoban na sgilean aca a leasachadh a bharrachd air coinneachadh ri daoine òga bho dhiofar sgìrean. Bidh an deireadh-seachdain, a tha maoinichte le Comhairle Ealain na h-Alba, a' gabhail àite aig Ionad Bad a' Ghiuthais aig deireadh an Lùnastail.
Bidh Fèis na bliadhna-sa a' gabhail àite eadar 5 – 9 Iuchar aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis agus tha e fosgailte do chloinn le Gàidhlig eadar ochd is ochd-deug bliadhna a dh'aois. Bidh roghainn de chuspairean air an toirt seachad agus tha comataidh na Fèise gu math toilichte fàilte a chur air àireamh mhath de luchd-teagaisg a tha air a bhith aig an Fhèis roimhe.
Thuirt ball den chomataidh Alison Urchadain;
"Tha Fèis an t-samhraidh dìreach làn spòrs 's tha e a’ còrdadh ris gach duine a tha an sàs agus tha e math fàilte a chur air na luchd-teagaisg a-rithist. A bharrachd air an sàr-theagasg a gheibh com-pàirtichean, tha an Fhèis seo a' toirt cothrom dhaibh a’ chànan aca a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile. Mar a thachair cheana, bidh Fèis Bheag a' ruith aig an aon àm mar phàirt den leasachadh leantainneach. Tha seo a’ toirt cothrom do chloinn bho aois còig gu ochd bliadhna a dh'aois blasad fhaighinn air na tha an sàs le Fèis agus tha e a’ toirt misneachd do theaghlaichean pàirt a ghabhail anns na cur-seachadan againn."
Bidh foirmichean-iarrtais airson Fèis na bliadhna-sa rim faotainn aig deireadh a' Ghiblein. Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir post-d gu niallagusross2@btinternet.com no fòn 01463 729278.




Other Useful Information

(External) [Image - Scottish Arts Council]
[Image - Highlands & Islands Enterprise]
(External) [Image - The Highland Council]
(External) [Image - Bòrd na Gàidhlig]
Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, and a registered charity, no. SC 130071.
This page was updated on 01/01/1900 00:00. © Fèisean nan Gàidheal 2007. Web design by (External) Pelican Design Consultants . Powered by (External) Sitekit CMS .