ICO: Iomairt Chiùil Òigridh

Mu Iomairt Chiùil Òigridh (ICO)

Tha seo a’ leantainn air a’ chom-pàirteachas soirbheachail le Comhairle na Gàidhealtachd a’ tabhann suas ri 12 seachdain gach bliadhna de leasanan ciùil traidiseanta gu gach 196 bun-sgoil san roinn. Sa bhliadhna-sgoile 2005-06 thathar a’ sùileachadh gum bi 5,237 oileanach sa Ghàidhealtachd air pàirt a ghabhail san sgeama seo. Sa bhliadhna mu dheireadh tha Rae NicEacharna air an uallach airson a’ phròiseact seo a cho-òrdanachadh a ghabhail os làimh às leth Fèisean nan Gàidheal, agus tha i ag obair an co-bhoinn ris na Fèisean, an luchd-oideachaidh agus na sgoiltean gu cunbhalach, gus dèanamh cinnteach gum bi a h-uile càil a’ ruith mar bu chòir. Cuideachd, tha trèanadh airson an luchd-oideachaidh air a bhith air a stèidheachadh agus goireasan teagaisg ùra air an leasachadh.

Tha am fiosrachadh a tha air a thighinn air ais bho na sgoiltean agus bho na sgoilearan air a bhith math dha-rìribh, agus tha e a’ coimhead coltach gu bheil am pròiseact a’ dol bho neart gu neart. Tha e gu sònraichte cudromach gu bheil an sgeama seo a’ tairgse cothrom cosnaidh do luchd-ciùil sa Ghàidhealtachd, agus tha cuid a’ taghadh a thighinn a dh’fhuireach san àite, seach gu bheil cothrom obrach cunbhalach aca.

Tha am prògram ceòl traidiseanta aig Iomairt Chiùil Òigridha’ ruighinn air gach bun-sgoil ann an roinn Chomhairle na Gàidhealtachd. Tha gach sgoil a’ faighinn prògram 12 seachdain, air a bhriseadh sìos ann an 3 blocaichean de 4 seachdainean bhon chlàr-roghainn. Gus nach bi iad a’ dùblachadh chùrsaichean no a’ gabhail gnothaich ris na clasaichean ciùil a tha a’ dol mar-thà sna sgoiltean, tha na roghainnean air an tabhann ann an ceithir prìomh roinnean; feadag, òrain Ghàidhlig, òrain chloinne agus ceòl buidhne. Tha luchd-ciùil agus seinneadairean leithid Rachel Walker, Deirdre Graham, Louise Mackenzie agus Bob Massie.air a bhith a’ gabhail pàirt san iomairt seo.

Airson barrachd fiosrachadh mu dheidhinn Iomairt Chiùil Òigridhcuir post-dealan gu rae@feisean.org


Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, and a registered charity, no. SC 130071.
An t-ùrachadh mu dheireadh 17/06/2007 11:29:43. © Fèisean nan Gàidheal 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.