Dreachd deilbh dhen duilleig seo | Atharraich mar a tha na duilleagan seo a’ coimhead
[Image - Fèisean nan Gàidheal]
Gàidhlig:
English
fàilte
naidheachdan
tachartasan
fèisean
pròiseactan
fiosrachadh
maoineachadh
fng coinneamh den bhord-stiuiridh
ceisteachan luchd-teagaisg - gaidhlig
mu ar deidhinn
obraichean
dè a tha ann am fèis?
aithisg bhliadhnail
poileasaidhean
bùth
fios gu fng
A’ Comharrachadh Ceòl Gàidhealach...3 gu 12 Sultain 2010
(External) fiosrachadh
(External) [Image - mygaelic.com]
(External) Naidheachdan
(External) Tachartasan
Dè a tha ann am Fèis?
fèis, -ean, s.f. Feast, gathering, festival.
Thairis air na beagan bliadhnaichean a chaidh seachad tha am facal air a thighinn gu bhith a’ ciallachadh gluasad nam Fèisean; grunnan fhèisean airson a bhith a’ teagasg nan ealain ann an Gàidhlig, gu h-àraid do dhaoine òg, ‘s a tha nis a’ dol air adhart air feadh Alba.
Is e Fèis cothrom do dhaoine tighinn còmhla gus na sgilean aca sna h-ealain Gàidhlig a leasachadh– òrain, dannsa, dràma, agus ceòl thraidiseanta air iomadh seòrsa ionnstramaid. Tha an teagasg fosgailte do na h-uile agus spòrsail, ach tha e cuideachd proifeiseanta agus èifeachdach. Tha fòcas na h-obrach airson a’ mhòr chuid de Fhèisean air fèis bliadhnail a mhaireas fad seachdain, ach tha barrachd agus barrachd Fhèisean a’ tabhann prògram làn de chlasaichean fad na bliadhna airson an ionnsachaidh a chumail a’ dol.
Thàinig gluasad nam Fèisean gu buil nuair a bha buidheann de phàrantan agus dhaoine eile ann am Bharraigh a’ gabhail uallach gu robh na traidiseanan ionadail a’ bàsachadh agus nach robh clann an eilein ag ionnsachadh mu cheòl thraidiseanta trom foghlam foirmeil. Airson dèiligeadh ri seo chaidh a’ chiad Fèis Bharraigh a chumail air an eilean ann an 1981.
Air a bhrosnachadh ri linn ‘s cho soirbheachail ‘s a bha a’ chiad Fhèis seo, stèidhich iomadh coimhearsnachd eile tro Alba air fad, tachartasan coltach ri seo. Chomharraich Fèis Bharraigh an 21mh co-là-breith ann an 2002, agus 22 bliadhna air adhart bhon sin, tha nise còrr air 35 Fèisean ann, gach fear air a stiùireadh leis a’ coimhearsnachd agus a rèir feumalachdan ionadail. Tha luchd saor-thoileach fhathast aig cridhe a’ mhòr chuid de na Fèisean ionadail.
Tha na sgilean a tha air an teagasg aig na Fèisean mar pàirt phrìseil de fhoghlam neo-fhoirmeil dhaoine òga, mar a tha air a dearbhadh leis an ìre de dh’obair saor-thoileach agus de thaic bho phàrantan a tha ann an àitean ionadail. Ach ‘s e an rud as cudromaich gu bheil a’ chlann fhèin a’ cur luach air na tha iad a’ faighinn a-mach às na Fèisean. Aig ire nàiseanta tha na Fèisean air am faicinn mar aon de na tionnsgnaidhean ealain as soirbheachail ann an Alba.
Liosta-postachd
Airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu fhèis na bliadhna agus an fheadhainn a tha ri thighinn…
Click here!
Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, and a registered charity, no. SC 130071.
An t-ùrachadh mu dheireadh 21/06/2007 10:33. © Fèisean nan Gàidheal 2007. Air a dealbh le (External) Pelican Design Consultants . Air a cumail le (External) Sitekit CMS .