Pròiseact nan Tasglann
Mu Phròiseact nan Tasglann
Tha pròiseact nan tasglann na pròiseact ùr aig Fèisean nan Gàidheal far am bi daoine òga, a tha a’ gabhail pàirt anns na Fèisean, a’ cruinneachadh agus a’ clàrachadh ceòl, òrain agus sgeulachdan ionadail anns na coimhearsnachdan aca fhèin. ’S e cothrom air leth a tha seo do na Fèisean an dualchas ionadail aca fhèin a ghlèidheadh agus àrdachadh agus do chom-pàirtichean barrachd ionnsachadh mu chultar agus traidiseanan nan sgìrean aca fhèin. Cuideachd, bidh cothrom ann do chom-pàirtichean sgilean ùra sònraichte ionnsachadh anns na seiseanan trèanaidh a bhios Fèisean nan Gàidheal a’ cur air dòigh dhaibh. Tha buidseat sònraichte aig Fèisean nan Gàidheal airson na pròiseict seo agus mar sin cha fheum Fèisean airgead a thogail dhaibh fhèin. Ma tha feum agaibh air fiosrachadh sam bith eile nach cuir sibh fios gu Emily aig Fèisean nan Gàidheal.
Ciamar a b’ urrainn don Fhèis agaibh pàirt a ghabhail ann am pròiseact nan tasglann?
Tha pròiseact nan tasglann fosgailte don a h-uile Fèis a tha na ball de dh'Fhèisean nan Gàidheal. Ma tha ùidh aig an Fhèis agaibh anns a’ phròiseact seo, no ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth oirbh, nach cuir sibh fios gu Emily aig Fèisean nan Gàidheal. Airson pàirt a ghabhail anns a’ phròiseact, feumaidh sibh iarrtas-sgrìobhte goirid a lìonadh a-staigh.
Faodaidh sibh bileag na pròiseicte a leigeil a-nuas air taobh dheas den dhuilleag seo, agus faodaidh sibh an liosta thasglannan a leigeil a-nuas cuideachd far am faigh sibh barrachd fiosrachaidh air cuid de na tasglannan-fuaime ann an Alba.
