Dreachd deilbh dhen duilleig seo | Atharraich mar a tha na duilleagan seo a’ coimhead
[Image - Fèisean nan Gàidheal]
Gàidhlig:
English
fàilte
naidheachdan
tachartasan
fèisean
pròiseactan
acadamaidh nam fèis
pròiseact nan tasglann
cèilidhean air chuairt
iomairt chiùil òigridh
trèanadh
tmttn
ceòl nam fèis
fèis blas
bursaraidhean ciùil
sgioba g
fiosrachadh
bùth
fios gu fng
A’ Comharrachadh Ceòl Gàidhealach...3 gu 12 Sultain 2010
(External) fiosrachadh
(External) [Image - mygaelic.com]
(External) Naidheachdan
(External) Tachartasan
ICO: Iomairt Chiùil Òigridh
Tha gach soirbheas air a bhith a’ leantainn air a’ cho-obrachadh eadar ICO agus Comhairle na Gàidhealtachd, a tha a’ toirt seachad 12 seachdainean gach bliadhna de cheòl traidiseanta ann an gach fear de na 188 bun-sgoiltean anns an sgìre. Thig leasachadh agus adhartas tro bhith a' comharrachadh nan clasaichean as riatanaiche, gu h-àraidh a chionn ‘s gu bheil na clasaichean air a bhith a’ ruith a-nis airson còig bliadhnaichean. Tha sgoilearan agus sgoiltean a-nis a’ coimhead air ICO (traidiseanta) mar phàirt stèidhichte den chlàr-oideachaidh.
Bidh Rae NicEacharna a’ cur a’ phròiseact air dòigh às leth Fèisean nan Gàidheal far a bheil a dreuchd a’ cur cudrom air ìre-teagaisg àrd, trèanadh agus stòrasan-teagaisg. Tha cuid Fhèisean – Fèis Chataibh, Fèis an Earraich, Fèis Lochabair, Fèis Rois agus Fèis Spè – a’ cur clàran-ama nan sgìrean aca fhèin air dòigh agus a’ lorg luchd-teagaisg freagarrach.
Tha fios air ais bho na sgoiltean agus na sgoilearan air a bhith air leth brosnachail agus tha luchd-teagaisg air a bhith an-sàs ann an diofar tachartasan sgoile, a’ dearbhadh cho cudromach sa tha an dreuchd.
Gus nach tèid an aon rud a theagasg ann an clasaichean-ciùil na sgoile, tha an sgeama ag amas air ceithir prìomh roinnean; fìdeag, òrain Ghàidhlig, òrain chloinne agus a’ cluich còmhla, ged a tha dòigh na bu fhreagarraiche air a leasachadh a-nis a tha a’ toirt cothrom dha ICO (traidiseanta) a choileanadh feumalachdan sgoiltean/sgoilearan fa lath.
Tha an Iomairt a’ toirt fastadh dha mòran luchd-ciùil air a’ Ghàidhealtachd agus, a bharrachd air trèanadh, tha e a’ toirt cothrom dhaibh a bhith a’ teagasg ciùil ann an dòigh nas fhoirmeile. Tha seo air a bhith luachmhor dhan mhòr chuid, a’ toirt thuca a leantainn orra ùidh a ghabhail ann am foghlam.
Fhuair na sgoilearan cothrom ionnsachadh bho luchd-ciùil air leth, gus an eòlas ciùil àrdachadh agus a leantainn orra tro Fhèisean ionadail.
Am bliadhna (09/10), tha luchd-ciùil mar Aonghas MacCoinnich, Gòrdan Gunnach, Ingrid NicEanraig agus Eilidh NicCoinnich air a bhith a’ teagasg anns na sgoiltean còmhla ri mòran ‘rionnagan’ eile.
Tha Ùisdean Marwick agus Heather Fhoirbeis air a bhith ag obair còmhla air stòras-teagaisg ùra am bliadhna agus ged a tha e stèidhichte air a’ cluich na fideig, gabh e a chleachdadh ann an iomadh tachartas-ciùil a bhios gu mòran feum dha sgoiltean agus luchd-teagaisg. Bidh fiosrachadh air ciamar a thèid greim fhaighinn air an stòras seo ri fhaighinn san àm ri teachd. Gheibh luchd-teagaisg leth-bhreacan dreachd ri fheuchainn anns na sgoiltean.
Airson barrachd fiosrachaidh cuir fios gu Iomairt Ciùil Òigridh (traidiseanta) aig rae@feisean.org
Liosta-postachd
Airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu fhèis na bliadhna agus an fheadhainn a tha ri thighinn…
Click here!
Leig a-nuas
YMI-SongResource (0.62 MB)
YMI-TinWhistle (1.88 MB)
Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, and a registered charity, no. SC 130071.
An t-ùrachadh mu dheireadh 29/01/2010 09:44. © Fèisean nan Gàidheal 2007. Air a dealbh le (External) Pelican Design Consultants . Air a cumail le (External) Sitekit CMS .