Pròiseact nan Tasglann

a' deanamh agallamh

Mu Phròiseact nan Tasglann

Tha pròiseact nan tasglann na pròiseact ùr aig Fèisean nan Gàidheal far am bi daoine òga, a tha a’ gabhail pàirt anns na Fèisean, a’ cruinneachadh agus a’ clàrachadh ceòl, òrain agus sgeulachdan ionadail anns na coimhearsnachdan aca fhèin. ’S e cothrom air leth a tha seo do na Fèisean an dualchas ionadail aca fhèin a ghlèidheadh agus àrdachadh agus do chom-pàirtichean barrachd ionnsachadh mu chultar agus traidiseanan nan sgìrean aca fhèin. Cuideachd, bidh cothrom ann do chom-pàirtichean sgilean ùra sònraichte ionnsachadh anns na seiseanan trèanaidh a bhios Fèisean nan Gàidheal a’ cur air dòigh dhaibh.

Tha na h-iarrtasan a-nis duinte airson Pròiseact Nan Tasglann.

Fèisean a ghabh pàirt ann am Pròiseact Nan Tasglann:
Fèis a' Bhealaich
Fèis na h-Òige agus Fèis a' Bhaile
Fèis Air An Oir
Fèis Ceann Loch Goibhle
Fèis a' Chaolais
Fèis Lochabair

Faodaidh sibh bileag na pròiseicte a leigeil a-nuas air taobh dheas den dhuilleag seo, agus faodaidh sibh an liosta thasglannan a leigeil a-nuas cuideachd far am faigh sibh barrachd fiosrachaidh air cuid de na tasglannan-fuaime ann an Alba.


Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, and a registered charity, no. SC 130071.
An t-ùrachadh mu dheireadh 02/06/2010 14:53. © Fèisean nan Gàidheal 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.