Trèanadh bho Fèisean nan Gàidheal

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ toirt taic do phlana trèanaidh airson luchd-obrach, luchd-oideachaidh, luchd-rianachd agus luchd-saor-thoileach. Tha am plana seo, anns a bheil raon de chùrsaichean a bhios a’ ruith aon no dà là, no cùrsaichean nas fhaide a bhios air an solar le companaidhean bhon taobh a-muigh airson am faighear taic-airgid, a’ brosnachadh leasachadh proifeiseanta leantainneach agus tha e cuideachadh ann a bhith a’ leasachadh staid proifeiseanta de sgioba a tha gu ìre mhòr saor-thoileach tron bhallrachd air fad. Tha Oifigear Leasachadh Trèanadh air a fastadh aig Fèisean nan Gàidheal, a tha a’ roinn a h-ùine eadar FnG agus an Lìonra Treànaidh Luchd-oideachaidh Ceòl Traidiseanta.

 


 

Fhèis Thrèanaidh 2010 - (Trèanadh do luchd-eagrachaidh) - 13/14 Màrt 2010. Taigh-òsta Beinn Uabhais, Strath Pheofhair (Gheibhear bileag-fiosrachaidh air a' dhuilleag seo fo Luchd a nuas)


 

Trèanadh Luchd-teagaisg:

Ìre 1 & 2

Sabhal Mòr Ostaig - 20/21 Gearran 2010

 

Trèanadh Luchd-teagaisg

Mar phàirt de phlana trèanaidh, cumaidh Fèisean nan Gàidheal seisean trèanaidh do luchd teagaisg air 20/21 An Gearran 2010.   Tha na laithean seo a' toirt fiosrachadh agus sgilean do luchd-teagaisg mu dhòighean teagaisg, riaghailtean, dòighean-obrach aig luchd-fastaidh, agus beagan eòlas air abairtean Gàidhlig a ghabhadh cleachdadh aig Fèisean, agus a' cur cuideam air ceòl Gàidhlig. Tha dà ìre ann - Ire 1 fiosrachadh bunaiteach, agus Ire 2 - a' togail air sgilean bho Ire 1. 

Tha na laithean seo fosgailte do dhaoine aig a bheil comasan ann an ceòl, seinn, no dannsa, ach 's e a' phriomh amas na laithean a bhith teagasg ceòl ann an co-theacs Gàidhlig anns na fèisean. Feumar luchd-pàirteachaidh a bhith seachad air 16.  Feumar cead bho pharantan a bhith aig daoine fo aois 18. 

Tha Fèisean nan Gàidheal ag obair air Ire 3 a chur ri chèile, agus thathar an dùil gun tèid aca sin a thargsainn ann an 2011.

Fiosrachadh

'S e Andy Thorburn agus Valerie Bryan na priomh luchd teagaisg, aig a bheil eòlas gu math farsaing air teagasg agus ceòl tradiseanta, anns na sgoiltean agus aig fèisean.  Bidh luchd teagaisg a bharrachd ann airson Dion Chloinne agus Gàidhlig

Tha an cùrsa a' tòiseachadh aig 10.30 m air an Disathairne, le clàrachadh, agus thig e gu crìch mu 3.30f Didòmhnaich.  Cosgaidh e £60 airson a' chùrsa air fad, a' toirt a-staigh biadh agus cuid-oidhche Disathairne.  Cuiribh foirmichean le pàigheadh gu Fèisean nan Gàidheal aig a' char as traithe.

Chan eil sinn a' gabhail ach 30 gach bliadhna.  Tilleabh iarrtasan gu Iona NicDhòmhnaill Oifigear Trèanaidh, Fèisean nan Gàidheal, Taigh a' Mhìll, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach, IV51 9BZ. Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh bho Iona air  01478 614001, no le post-d gu iona@fèisean.org. Dèan cliog air  "Bileag Feb 2010" gu do làimh dheis airson foirm agus am fiosrachadh gu lèir. 



Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, and a registered charity, no. SC 130071.
An t-ùrachadh mu dheireadh 14/01/2010 11:06. © Fèisean nan Gàidheal 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.