Dreachd deilbh dhen duilleig seo | Atharraich mar a tha na duilleagan seo a’ coimhead

[Image - Fèisean nan Gàidheal]

Gàidhlig:

English




fàilte



naidheachdan



tachartasan



fèisean



pròiseactan



acadamaidh nam fèis



pròiseact nan tasglann



cèilidhean air chuairt



iomairt chiùil òigridh


trèanadh



plana trèanaidh



tmttn



ceòl nam fèis



fèis blas



bursaraidhean ciùil



sgioba g



fiosrachadh



bùth



fios gu fng

A’ Comharrachadh Ceòl Gàidhealach...3 gu 12 Sultain 2010
(External) fiosrachadh
(External) [Image - mygaelic.com]
(External) Naidheachdan
(External) Tachartasan


Trèanadh-Fèisean nan Gàidheal

Trèanadh bho Fèisean nan Gàidheal

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ toirt taic do phlana trèanaidh airson luchd-obrach, luchd-oideachaidh, luchd-rianachd agus luchd-saor-thoileach. Tha am plana seo, anns a bheil raon de chùrsaichean a bhios a’ ruith aon no dà là, no cùrsaichean nas fhaide a bhios air an solar le companaidhean bhon taobh a-muigh airson am faighear taic-airgid, a’ brosnachadh leasachadh proifeiseanta leantainneach agus tha e cuideachadh ann a bhith a’ leasachadh staid proifeiseanta de sgioba a tha gu ìre mhòr saor-thoileach tron bhallrachd air fad. Tha Oifigear Leasachadh Trèanadh air a fastadh aig Fèisean nan Gàidheal, a tha a’ roinn a h-ùine eadar FnG agus an Lìonra Treànaidh Luchd-oideachaidh Ceòl Traidiseanta.
 

 Fèis Thrèanaidh 2011 - Trèanadh do luchd-eagrachaidh12/13 Màrt 2011. An Gearasdan - àite ri rèiteachadhGheibhear bileag-fiosrachaidh air a' dhuilleag seo fo Luchd a nuas nuair a bhios e air aontachadh.
 Trèanadh Luchd-teagaisg: Ìre 1 & 2 Sabhal Mòr Ostaig, Slèite - 26/27 An Gearran, 2011. Trèanadh Luchd-teagaisg
Mar phàirt de phlana trèanaidh, cumaidh Fèisean nan Gàidheal seisean trèanaidh do luchd teagaisg air 20/21 An Gearran 2010.   Tha na laithean seo a' toirt fiosrachadh agus sgilean do luchd-teagaisg mu dhòighean teagaisg, riaghailtean, dòighean-obrach aig luchd-fastaidh, agus beagan eòlas air abairtean Gàidhlig a ghabhadh cleachdadh aig Fèisean, agus a' cur cuideam air ceòl Gàidhlig. Tha dà ìre ann - Ire 1 fiosrachadh bunaiteach, agus Ire 2 - a' togail air sgilean bho Ire 1. 
Tha na laithean seo fosgailte do dhaoine aig a bheil comasan ann an ceòl, seinn, no dannsa, ach 's e a' phriomh amas na laithean a bhith teagasg ceòl ann an co-theacs Gàidhlig anns na fèisean. Feumar luchd-pàirteachaidh a bhith seachad air 16.  Feumar cead bho pharantan a bhith aig daoine fo aois 18. 
Tha Fèisean nan Gàidheal ag obair air Ire 3 a chur ri chèile, agus thathar an dùil gun tèid aca sin a thargsainn ann an 2011.
Fiosrachadh
'S e Andy Thorburn agus Valerie Bryan na priomh luchd teagaisg, aig a bheil eòlas gu math farsaing air teagasg agus ceòl tradiseanta, anns na sgoiltean agus aig fèisean.  Bidh luchd teagaisg a bharrachd ann airson Dion Chloinne agus Gàidhlig
Tha an cùrsa a' tòiseachadh aig 10.30 m air an Disathairne, le clàrachadh, agus thig e gu crìch mu 3.30f Didòmhnaich.  Cosgaidh e £60 airson a' chùrsa air fad, a' toirt a-staigh biadh agus cuid-oidhche Disathairne.  Cuiribh foirmichean le pàigheadh gu Fèisean nan Gàidheal aig a' char as traithe.
Chan eil sinn a' gabhail ach 30 gach bliadhna.  Tilleabh iarrtasan gu Iona NicDhòmhnaill Oifigear Trèanaidh, Fèisean nan Gàidheal, Taigh a' Mhìll, Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach, IV51 9BZ. Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh bho Iona air  01478 614001, no le post-d gu iona@fèisean.org. Thèid bileag-fiosrachaidh fhoillseachadh ro dheireadh an t-Damhair 2010.
Liosta-postachd
Airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu fhèis na bliadhna agus an fheadhainn a tha ri thighinn…
Click here!






Fiosrachadh Feumail Eile


Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, and a registered charity, no. SC 130071.
An t-ùrachadh mu dheireadh 31/08/2010 11:44. © Fèisean nan Gàidheal 2007. Air a dealbh le (External) Pelican Design Consultants . Air a cumail le (External) Sitekit CMS .