Ceilear: An t-Eilean Sgitheanach is Loch Aillse

Bidh 'Ceilear', am buidheann de luchd-ciùil òga as an t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse, air an rathad a-rithist anns an t-Iuchar a' cluiche aig cèilidhean, consartan agus seasanan. Tha iad a-nise anns an treas bhliadhna den na cèilidhean air chuairt, agus tha a' bhuidheann a' fàs nas làidir gach bliadhna, a' cluiche gu luchd-èisteachd bho àitean cho fada air falbh ri Düsseldorf, Alberta, Christchurch agus Johannesburg. Cuideachd am bliadhna-sa bidh iad ag obair gu dlùth ri Fèis an Eilean, a' toirt taic aig cuid den na tachartasan aig an Fhèis.


Tha ochdnar daoine òga bhon an sgìre anns a' bhuidheann, agus bidh an turas a' ruith air na làithean 6-28 Iuchar.

Anns a bhuidheann seo tha;

Calum Edmunds (Fidheall, Co-òrdanaiche)
Crisdean Dòmhnallach (Fidheall, Bodhran)
Alasdair Moireach (Pìob Mhòr, Bocsa-Chiùil)
Sandy Finlayson (Fidheall. Mandolin, Seinn)
Murchadh Camshron (Bocsa-Chiùil, Fìdeag)
Shona Masson (Fidheall, Piana)
Coralea MacAoidh (Fidheall, Piana)
Catherine Tinney (Seinn, Fidheall)


Na tachartasan a tha air an dearbhadh aig an ìre seo:

Ceann- Latha Àite Tachartas Uair
Iuchar
6mh Talla Chruinneachaidh an Eilein Cèilidh 8-11f
7mh Talla Bhreacais Cèilidh 8-11f
12mh Aiseag Chal Mac Uige – Loch nam Madadh Seisean 2f
13mh Taigh Ratharsaigh Cèilidh 8-11f
14mh Taigh-Òsda Ratharsaigh Seisean 12.30-3.30f
14mh Talla Chille Mhoire Cèilidh 8-11f
18mh Talla Dhonaidh Chaimbeil (Fèis an Eilein) Cuirm-chiùil 8f
19mh Talla Tharscabhaig Cèilidh 8-11f
20mh Caisteal Eilean Dhonain Seisean 11m-230f
20mh Talla Ealaghol Cèilidh 8-11f
21mh Fèis Bìdh an Ath Leathainn Seisean 12-3f
21mh An Talla Mhòr (Fèis an Eilein) Cuirm-chiùil 930f
25mh Aiseag Chal Mac (Armadàl – Mallaig) Seisean 1255f
26mh Talla Coimhearsnachd a' Bhràighe Cèilidh 8-11f
27mh Caisteal Eilean Dhonain Seisean 11m-230f
27mh Columba 1400 Cèilidh 8-11f
28mh Caisteal Dhùn Chreig Seisean 4-6f

 

Cuir fios gu ceilear@gmail.com 

 

 


Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, and a registered charity, no. SC 130071.
An t-ùrachadh mu dheireadh 26/06/2007 11:46:43. © Fèisean nan Gàidheal 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.