samhradh le fuinn is dràma

Thursday 10th July 2014

Tha samhradh bliadhna eile air thighinn ‘s chan ann nan tàmh a tha an òigridh, le Fèisean a’ tachairt ann an coimhearsnachdan air feadh na dùthcha. Cuideachd, tha an Sgoil Shamhraidh Dhràma, ‘s i a-nis na seachdamh bliadhna ann am Port Righ agus tha muinntir nan Cèilidhean air Chuairt air cruinneachadh anns a’ Phloc airson trèanadh sònraichte mus tèid iad air an rathad.

Tha 17 cleasaichean òga le Gàidhlig còmhla ann an Port Rìgh airson pàirt a ghabhail anns an Sgoil Shamhraidh Dhràma am-bliadhna. Ag obair fo stiùir Dhaibhidh Walker is Aonghais MhicLeòid gus oidhche dhràma a chur air ann an Àros, Port Rìgh Diardaoin 17 Iuchar aig 7.30f, bidh na rionnagan òga seo gan oideachadh ann an caochladh farsaing de sgilean stèidse.

Mar chomharra air ceud bliadhna bho thòisich an Cogadh Mòr, ‘s e thèama na bliadhna sa “Cogadh”, is bidh com-pàirtichean a’ toirt sùil air a’ chuspair seo tro bhith a’ sgrùdadh sgriobtaichean, bàrdachd is rosg a chaidh a chruthachadh is a chruinneachadh le Aonghas is Daibhidh. A’ toirt taic dhaibh bidh Ruairidh MacNeacail bho Eden Court, Inbhir Nis, agus Eilidh Daniels.

A bharrachd air an oidhche dhràma a bhios a’ toirt na ceala-deug gu crìch, bidh oidhche fiolm, a bhios fosgailte don phoball, ga ruith ann an Àros fo sgèith na Sgoile Samhraidh Disathairne 12 Iuchar bho 7.30f, far an tèid Às an Eilean a shealltainn. Cha chosg e sgillinn am fiolm cudromach seo fhaicinn.

Mar a thuirt Dougie Beck, Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal: “Tha Fèisean nan Gàidheal air a bhith os cionn na h-iomairt seo bho chaidh a h-ath-stèidheachadh ann an 2008. Bhon uair sin, tha timcheall air 100 com-pàirtiche air a bhith an sàs, is tha cuid dhiubh sin air a dhol air adhart gu dreuchdan anns na h-ealain Ghàidhlig. Anns a’ bhliadhna Tilleadh Dhachaigh seo, tha mi toilichte a ràdh gum bi Cara Coburn, a bha na com-pàirtiche aig an Sgoil Shamhraidh ann an 2008 is 2009, is a tha an-dràsta còmhla rinn ri linn sgeama greis-ghnìomhachais ChnaG, ag obair aig an Sgoil Shamhraidh mar neach-aire. ‘S ann às gach ceàrn de dh’Alba a tha com-pàirtichean na bliadhna sa, is tha mi a’ dèanamh fiughar ri bhith a’ faicinn toradh an cuid obrach aig deireadh na ceala deug.”

Aig Fèis Alba bidh sia dhe na Cèilidhean air Chuairt a’ tighinn còmhla thairis air ceala-deug gus gleans a chur air na h-òrain ‘s na fuinn aca mus gabh iad cuairt air na sgìrean aca fhèin.

Am-bliadhna gheibh barrachd air dà fhichead neach òg bho Fèis Fhoirt, Fèis an Earraich (Ceilear), Fèis Chataibh, Fèis Spè, Fèis Latharna agus Fèisean Lochabair oideachadh bho shàr luchd-ciùil traidiseanta leithid Eòghain MhicEanraig, Sìleas Nic na Ceardaich agus Fiona NicAsgaill. Gheibh iad cuideachd bùthan-obrach sònraichte air margaideachd, rianachd, siostaman PA, dannsa agus gnothaichean eile a tha fìor chudromach ann am beatha an neach-ciùil thraidiseanta.

Thèid na Cuairtean an uair sin air ais gu na sgìrean aca fhèin far am bi iad a’ cluiche aig còrr is dà cheud tachartas thairis air an t-samhradh. Am measg cuid dhe na tachartasan as motha a bhios man coinneamh tha a’ chuirm mhòr air Diluain 28 Iuchar ann an Glaschu far an nochd cuid dhe na buidhnean còmhla mar phàirt dhe Iomall Geamaichean a’ Chò-fhlaitheis, agus nas fhaide air adhart air an latha sin bidh cuirm shònraichte ann aig Uisgeadan Saoghal na Mara air bruaichean Loch Laomainn far am bi na buidhnean seo a’ nochdadh leis an t-sàr chòmhlan Breabach.

Thig cùisean gu ceann leis na buidhnean aig Fèis Alba a’ tighinn cruinn còmhla ri com-pàirtichean na Sgoile Samhraidh gus oidhche thaisbeanaidh sònraichte a chur air dòigh Diardaoin 17 Iuchar aig 7.30f ann an Àros, Port Righ.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council