iarrtasan airson fèis eilean an fhraoich a’ tighinn a-steach!

Monday 14th July 2014

Tha an ùine a’ ruith airson duine sam bith a tha airson pàirt a ghabhail ann am Fèis Eilean an Fhraoich am bliadhna, a tha a’ tòiseachadh air Diluain 21 an t-Iuchair. Tha roinn de luchd-teagaisg cliùiteach gu bhith aig an Fhèis am bliadhna aig Bun Sgoil Steòrnabhaigh an Eilean Leòdhais, le cuspairean leithid seinn, dràma, dannsa Gàidhealach agus iomadh diofar ionnstramaid gan tabhann tron t-seachdain. Tha clas croileagan ann do chlann aois 3-4 agus clas sònraichte ann airson clann a tha ann am P1-3 anns a’ bhun-sgoil. Bidh Fèis nan Deugairean ann fo stiùir Catriona Watt agus Andy Yearley.

Thèid cèilidh a chumail anns an Lanntair air Diciadain an 23 den t-Iuchair, far am bi an luchd-teagaisg a’ cluich a bharrachd air cuid den chlann bhon Fhèis. Thig cùisean gu crìoch air Dihaoine le dà chonsairt – aon feasgar agus aon air an oidhche.

Thuirt Peigi NicIllinnein, cathraiche na Fèise: “Tha cuid de na seinneadairean agus luchd-ciùil a tha mun cuairt an-diugh air an oideachadh fhaighinn tron Fhèis agus tha seo fìor aig Fèis Eilean an Fhraoich cuideachd. Tha seachdain trang air thoiseach oirnn agus mar as àbhaist fhuair sinn air cuid den luchd-teagaisg as fheàrr anns na h-Eileanan fhastadh airson pàirt a ghabhail anns an tachartas sònraichte seo, a gheibh air na sgilean aca a theagasg dhan chlann.”

Am measg an luchd-teagaisg a bhios ann am bliadhna tha Noel Eadie, Jane Hepburn, Matthew MacIllinnein agus Mairi NicLeòid.

Tha an comataidh cuideachd a’ sireadh dhaoine a bhiodh deònadh cuideachadh aig àm bìdh agus na h-amannan eadar chlasaichean. Gheibhear foirmichean-iarrtais agus fiosrachadh a bharrachd an oifis a’ Chomuinn Ghaidhealaich ann an Ceàrnag Phearsabhail an Steòrnabhagh no air 01851 703 487, agus faodar cuideachd fios a chur gu shona@feisean.org

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council