dualchas nàdair ga luaidh an coimisean ùr son blas

Tuesday 5th August 2014

Thèid coimisean ùr sònraichte airson Fèis Blas 2014, a chaidh a thoirt gu ìre tro cho-oibreachadh leis a’ bhuidhinn Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH), a thoirt chun àrd-ùrlair son a’ chiad uair ann am pirìomh oifis na buidhne, Taigh a’ Ghlinne Mhòir ann an Inbhir Nis, oidhche Haoine an 5mh dhen t-Sulltain, a’ chiad oidhche dhen fhèis.

Chaidh tè de phrìomh òrain na Gàidhlig, “Moladh Beinn Dobhrain” le bàrd Earra-Ghàidheil Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, a thaghadh mar mheadhan air an 10mh fèis fhosgladh ann an cuirm “Mìorbhail nam Beann”.

Chaidh am fìdhleir ainmeil Iain MacPhàrlain à Gleann Fhionghain fhastadh airson “Moladh Beinn Dobhrain” a thoirt bho dhreach na 18mh linn deug gu cumadh freagarrach son an latha an-diugh le ceòl, ìomhaighean agus briathrachas a’ meòrachadh air a’ cheangal eadar na daoine agus an cuid talmhainn rè ùine, suas chun latha an-diugh. Còmhla ri Iain bidh Eòghann MacEanruig (Mànran), Eòghann Robasdan (Breabach) agus Hamish Napier (Back of the Moon). Thèid briathrachas na h-oidhche a lìbhrigeadh an Gàidhlig leis a’ Bhrigadier Iain MacPhàrlain à Taigh an Uillt, a bhoineas do theaghlach a th’ air a bhith an Earra Ghàidheal fad tri ginealaich agus a tha na Cheann-Feadhna air Comann Gàidhlig Inbhir Nis.

An dèidh an fhoillseachaidh ann an Taigh a’ Ghlinne Mhòir an Inbhir Nis air an 5mh, bidh Mìorbhail nam Beann ri fhaicinn ann an Talla Choimhearsnachd Ghlinn na Garradh oidhche Shathairne 6mh, Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach oidhche Dhiardaoin an 11mh; Ionad MhicPhàil ann an Ulapul oidhche Haoine an 12mh agus an uairsin ann an Talla a’ Bhaile ann an Taigh an Uillt, oidhche Shathairne an 13mh.

Thuirt Iain Ross, Cathraiche SNH: “Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ cumail taic ri Fèis Blas na bliadhna seo a tha a’ soillseachadh ar ceòl Gàidhealach, ar cànan agus cultar. Tha òrain agus bàrdachd Dhonnchaidh Bhàin a’ dèiligeadh ri ceangal eadar-thoinnt’ eadar mòr-shluagh, cultar agus àrainneachd earachdail na Gàidhealtachd.

“Tha an taic again do Bhlas a’ soillseachadh saothar Dhonnchaidh Bhàin a bha a’ rannsachadh gnothaichean a bhoineas dhan latha an-diugh leithid siostaman-eco agus seasmhachd. Tha e a’ fagail dìleab agus sinn a’ comharrachadh a chuid briathrachais agus an dleastanas a th’ air a h-uile duine aig SNH ann a bhith a’ caomhnadh na h-àrainneachd, lusan is sìthein agus ainmhidhean a tha cho prìseil.”

Tha Fèis Blas, tachartas ealain cho soirbheachail ‘s a chaidh a chur air adhart air a’ Ghàidhealtachd a’ tighinn gu ìre eachdraidheil am bliadhna le 2014 a’ comharrachadh deich bliadhna bhon chiad fhèis. Tha Blas 2014 le dreach eadar-nàiseanta, a’ cur air adhart tachartasan ann an 50 àite air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal, agus thathas a’ sùileachadh gum bi an fhèis nas motha agus nas fheàrr na bha i riamh.

Thuirt Stiùiriche Blas, Donna NicRath: “Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri SNH air Mìorbhail nam Beann agus a’ leantainn le tè de na prìomh amasan againn, a bhith cruthachail. Seo a-nis a h-aon deug coimisean ùr againn ga thoirt gu ìre leis an Fhèis do mhuinntir na Gàidhealtachd.”

‘S e Blas 2014 a’ chiad thachartas ann an sreath de ghothaichean nàiseanta agus eadar-nàiseanta a bhios rim faicinn bho thoiseach Sultain mar phàirt de dh’iomairt Tilleadh Dhachaigh, le taic bho EventScotland, a’ tighinn gu ceann leis a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta ann an Inbhir Nis anns an Dàmhair. A bharrachd air ceòl is eile, am bliadhna aig Blas, bidh blasad de bhiadh is deoch na sgìre ri fhaighinn an-asgaidh aig a’ mhòr-chuid de na tachartasan. Aig cuid de na cuirmean, nam measg Taigh a’ Ghlinne Mhòir, bidh beagan a bharrachd ann le iomairt Feuch Blas.

Tha tuilleadh fiosrachaidh air Blas 2014 ri fhaighinn an seo le làn cunntas air a’ phrògram agus far a bheil gach nì a’ dol air adhart.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council