deich latha chun deicheamh blas

Tuesday 26th August 2014

Chan eil ach deich latha air fhàgail a-nis gus an tòisich Blas 2014, tè de na fèisean as soirbheachail air a’ Ghàidhealtachd, Fèis eachdraidheil am bliadhna, agus Blas 2014 a’ comharrachadh 10 bliadhna.

Agus tha an fhèis seo gu bhith a’ cheart cho soirbheachail sa bha an fheadhainn roimhe, le aon chuirm mar tha air na tiogaidean a reic air fad, an oidhche a tha na Red Hot Chilli Pipers gu bhith a’ cluich ann an Inbhir Ùige. Tha cothrom gu leòr aig luchd-leantainn ge-tà air tiogaidean aig na cuirmean eile a th’ air a’ chlàr.

Thèid Blas 2014 fo sheòl air a’ chiad dheireadh sheachdain dhen t-Sultain, Dihaoine an 5mh latha, leis a’ chiad shealladh air coimisean ùr stèidhichte air a’ bhàrdachd ainmeil “Moladh Beinn Dòbhrain” le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, air ùrachadh mar “Mìorbhail nam Beann” leis an neach-ciùil ainmeil Iain MacPhàrlain. Bidh a’ chuirm a’ siubhal gu grunn àiteachan eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Taigh an Uillt an Earra-Ghàidheal.

Am measg an fheadhain eile a bhios a’ spaidsearachd air àrd-ùrlair tro Bhlas 2014 tha leithid Dougie MacIllEain, Mànran, Macanta, Marloch, Traill West, Monach Isle Ceilidh Band agus seinneadairean Gàidhlig leithid Alasdair Whyte, Cairistiona Primrose, Ellen Dhòmhnallach agus Linda NicLeòid. Bidh riochdairean bho dhiofar Fèisean feadh na Gàidhealtachd cuideachd gan cur fhèin air adhart.

Tha Donna NicRath bho Firefly Productions a’ stiùireadh na fèise agus a’ cumail rian air cùisean às leth Fèisean nan Gàidheal. Tha ise dhen bharail gur e deagh fhèis a tha romhainn: “Tha a h-uile càil againn ann an deagh òrdugh son fèis air leth agus bidh fàilte ron luchd-leantainn a bhios nar cuideachd bho air feadh an t-saoghail agus thar na Gàidhealtachd is Earra-Ghàidheal. A bharrachd air ceòl air leth am-bliadhna, tha sinn a’ gabhail cothrom thall sa bhos deagh bhiadh is deoch bhon Ghàidhealtachd a thoirt gu aire dhaoine agus mar sin, tha gu leòr a bharrachd air deagh cheòl a’ feitheamh air daoine ann an diofar àiteachan.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh, agus làn phrògram Bhlas 2014 an seo.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council