deugairean le gàidhlig a’ dèanamh air an àrd-ùrlar

Monday 1st September 2014

Bidh Fèis Thèatar Òigridh ‘Fèis Dràma Dheugairean’ a’ gabhail àite aig Eden Court ann an Inbhir Nis air Diciadain 10 Sultain 2014.
‘S e Eden Court CRUTHACHAIL ann an co-bhonn le Fèisean nan Gàidheal a chur an Fhèis air dòigh le trì thèataran òigridh Gàidhlig à Baile Dhubhthaich, Inbhir Pheofharain agus Inbhir Nis a’ gabhail pàirt innte.
Thèid na dealbhan-cluiche ac’ a thaisbeanadh air an oidhche leis a’ chiad dealbh-chluich a’ tòiseachadh aig 6.30f. Cosgaidh tiogaidean £4 an duine.  Gabhaidh tiogaidean a ghlèidheadh air-loidhne tro làrach-lìn Eden Court.

  • ‘Lean do chridhe’ – dealbh-chluich ùr le Thèatar Òigridh Bhaile Dhubhthaich mu dheugaire ainmeil a tha airson slighe ùr a ghabhail na beatha.
  • ‘Àm na buana’- dealbh-chluich ùr le Thèatar Òigridh Inbhir Pheofharain a’ sealltainn mar a dhèiligeas dithis charaidean ri burraidheachd san sgoil aca le taic bhon eadar-lìon.
  • ‘Ainglean’ le Sgioba Dràma Òigridh Inbhir Nis – dealbh-chluich sgrìobhte le Pauline MacLynn a chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Ruairidh MacNeacail bho Eden Court Cruthachail – anns a bheil buidheann de choigrich òga a’ cruinneachadh ann an cladh airson pròiseact coimhearsnachd, rud a chuireas dragh air na h-ainglean a tha coimhead as dèidh nan uaighean.

Le taic bhon sgeama ‘Lìonra Dràma Ghàidhlig’ aig Bòrd na Gàidhlig , tha Fèisean nan Gàidheal agus Eden Court CRUTHACHAIL ag obair còmhla gus cothroman a bharrachd a thoirt do sgoilearan àrd-sgoile le Gàidhlig sgilean dràma ionnsachadh agus taisbeanaidhean dràma a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu na thèataran òigridh ann am Baile Dhubhthaich agus Inbhir Pheofharain air an làrach lìn aig Fèisean nan Gàidheal.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun fhèis cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid aig Fèisean nan Gàidheal air 01463 225 559 no angus@feisean.org no Kati Kozikowska,  Manaidsear Eden Court CRUTHACHAIL air 01463 239 841.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council