ministear a’ cur fàilte air blas

Tuesday 2nd September 2014

Bidh luchd-ciùil agus seinneadairean eadar-nàiseanta gu mòr an sàs anns a’ bhliadhna iomraiteach a tha seo ann an eachdraidh fèisean Blas air a’ Ghàidhealtachd – an 10mh fèis, a’ ruith bhon 5mh latha chun 13mh dhen mhìos.

Chaidh fèis Blas a stèidheachadh deich bliadhna air ais agus Comhairle na Gàidhealtachd airson tachartas a bha a’ cheart cho beòthail agus adhartach ri Cuirm Celtic Colours ann an Ceap Breatainn a chur air dòigh. Tha a’ Chomhairle air a bhith air leth taiceil dhan Fhèis.

Am measg an fheadhainn a th’air siubhal chun na Fèis bho thall tha am fìdhlear ainmeil à Ceap Bratainn, Howie Dòmhnallach agus an neach-ciùil Marilyn NicFhionghain. Chan eil fìdhleir cho ainmeil ri Howie thall a nis agus bha e roimhe seo a’ cluich an còmhlan nan Rankins.

Bidh Cherish the Ladies cuideachd a’ gabhail an àird-ùrlair agus cha bheag an teachdaireachd a thàinig mun deidhinn bhon Bhoston Globe a thuirt: “Tha e dìreach do-chreidsinn smaoineachadh nach còrdadh na tha iad a’ dèanamh ris an èisteachd.”

Tha an còmhlan air a bhith air feadh chinn a tuath is Deas Ameireaga, san UK, san Roinn Eòrpa, an Sìne, Astràilia agus Sealainn Nuadh, aig cuirmean ann an tallaichean iomraiteach an t-saoghail agus fèisean eadar-nàiseanta. Seo an treas turas a thadhail iad air Blas agus tha fèill mhòr air a bhith romhpa aig gach taobh.

Mar phàirt dhen Tilleadh Dhachaigh, ‘s e bliadhna iomraiteach a th’ ann cuideachd do dhaoine a tha a’ tadhal air a’ Ghàidhealtachd agus tha cuirm shònraichte ga chur air adhart oidhche Dhiardaoin (11mh) an Inbhir Nis. Tha Do Bheatha dhan Dùthaich ga chur air dòigh le na buidhnean Macanta agus Mànran ann a bharrachd air dannsairean Cheryl Heggie agus chan e a-mhàin aon shàr-phìobaire ach dithis – agus ‘s e Aonghas MacColla a th’air an dithis aca!

Cuiridh na filidhean an dreach fhèin air cùisean cuideachd le “Cuairt nam Bàrd”, agus Fèisean nan Gàidheal agus Comhdhàil Nàisiunta na Gaeilge a’ cruinneachadh bhàird bho shaoghal na Gàidhlig and Gaeilge agus iad air imrich feadh na Gàidhealtachd tron fhèis.

A bharrachd air ceòl is eile, am bliadhna aig Blas, bidh blasad de bhiadh is deoch na sgìre ri fhaighinn an-asgaidh aig a’ mhòr-chuid de na tachartasan. Aig cuid de na cuirmean, nam measg Taigh a’ Ghlinne Mhòir air a’ chiad oidhche, bidh beagan a bharrachd ann le iomairt Feuch Blas.

Fhuair iomairt Tilleadh Dhachaigh taic-airgid bho EventScotland agus Iomairt Biadh is Deoch na h-Alba. Chuir Ministear an Turasachd Ferghas Ewing fàilte air a’ cho-obrachadh. Thuirt esan: “Tha Tilleadh Dhachaigh 2014 na chothrom do choimhearsnachdan na h-Alba a bhith luaidh na tha math mun dùthaich agus a bhith a’ lasadh soillse air ar stòras agus gach suaicheantas ainmeil a th’ againn.”

“Tha mi air leth toilichte gu bheil Blas 2014 anns a’ phrògram aig Tilleadh Dhachaigh air a’ Ghàidhealtachd tron t-Sultain agus dhan Dàmhair. Seach gu bheil biadh is deoch ionadail ga chleachdadh aig tòrr de na tachartasan, togaidh sin astar agus aire gu Bliadhna a’ Bhidhe is Deoch an 2015, a bhios na mhisneachadh a-rithist a bhith a’ stialladh air stòras bidhe nàdarra na h-Alba agus a sìor chur ri cliù na h-Alba mar Thìr a’ Bhidhe agus Deoch.”

Tha tuilleadh fiosrachaidh air Feuch Blas agus tachartasan Blas 2014 ri fhaighinn aig làrach-lìn na fèise, agus am measg sin tha làn cunntas air a’ phrògram agus far a bheil gach nì a’ dol air adhart.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council