gu leòr ri fhaicinn fhathast aig blas 2014

Tuesday 9th September 2014

Cha bheag am fàilte a chaidh a chur air Blas 2014, an deicheamh fèis, agus cuirmean a’ tarraing a’ mhòr-shluaigh air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal air a’ chiad dheireadh sheachdain.

Tha prògram na seachdain a tha romhainn loma-làn de thachartasan de gach seòrsa agus bidh gnothaichean a’ tighinn gu ceann aig Ceòl nam Fèis, a’ chuirm crìochnachaidh an Cùirt an Aodainn ann an Inbhir Nis oidhche Shathairne (13mh), agus cuid de shàr luchd-ciùil òga na dùthcha a’ gabhail an àrd-ùrlair.

Am-measg nan còmhlan a bh’ air aoigheachd air an deireadh sheachdain bha Cherish the Ladies a theab mullach a thogail far Cùirt an Aodainn oidhche Shathairne. Tha cothrom ann fhathast am faicinn ann an Geàrrloch, sa Chlais-mhòr, Ceann a’ Ghiùthsaich agus am Port Rìgh mas toir iad cùisean gu crìch ann an Ionad Neibheis anns a’ Ghearasdan oidhche Shathairne seo tighinn (13mh).

Chaidh moladh mòr a dhèanamh cuideachd air coimisean ùr fèis na bliadhna seo “Mìorbhail nam Beann”. Chaidh fhaicinn son a’ chiad turas oidhche Haoine ann an Taigh a’ Ghlinne Mhòir, prìomh Oifis SNH, a bha nan com-pàirteachean ann a bhith a’ tarraing an luchd-ciùil chun àrd–ùrlar. Tha a’ chuirm seo a-nis a’ siubhal agus an còmhlan a’ togail orra gu Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach oidhche Dhiardaoin (11mh), Ionad MhicPhàil ann an Ulapul oidhche Haoine agus an uair sin a’ criochnachadh ann an talla a’ bhaile ann an Taigh an Uillt, oidhche Shathairne (13mh).

Tha cothrom pìos ciùil ùr eile fhaicinn ann am Pàillean Srath Pheofhar oidhche Chiadain (10mh). `S ann mu imirich a’ bhàta Hector a tha “An Turas” le Iain Sommerville agus luchd-ciùil Fèis Rois, aig an robh Iain fhèin a’ cluich roimhe. Còmhla riutha bidh an còmhlan ainmeil Dàimh agus Seumas MacChoinnich & Neil Ewart.

Mar phàirt dhen Tilleadh Dhachaigh, ‘s e bliadhna iomraiteach a th’ ann cuideachd do dhaoine a tha a’ tadhal air a’ Ghàidhealtachd agus tha cuirm shònraichte ga chur air adhart oidhche Dhiardaoin (11mh) an Inbhir Nis. Tha “Do Bheatha dhan Dùthaich” ga chur air dòigh le na buidhnean Macanta agus Mànran ann a bharrachd air dannsairean Cheryl Heggie agus chan e a-mhàin aon shàr-phìobaire ach dithis – agus ‘s e Aonghas MacColla a th’ air an dithis aca!

Thuirt Stiùiriche na Fèise Donna NicRath: “Tha a’ chiad dheireadh sheachdain an còmhnaidh cudromach a thaobh dreach a chur air a chòrr dhen fhèis. Agus abair toiseach-tòiseachaidh. Bha aon chuirm againn ann an Inbhir-Ùige agus chaidh na tiogaidean a reic air fad agus tha e dìreach na fhaothachadh gu bheil sinn a-nis fo sheòl. Tha gu leòr eile ri thighinn tron t-seachdain agus tha sinn an dòchas gun lean cùisean air adhart leis an aon fharam.”

Ann an seachdain cuairt dheireannach Cupa na Camanachd an Inbhirnis, thèid trì cuirmean-ciùil is camanachd a chumail a tha an dà chuid a’ comharrachadh cho cudromach sa tha an gèam san latha th’ ann ach cuideachd, ceud bliadhna an dèidh toiseach a’ Chogaidh Mhòir, thèid eachdraidh àraid shaighdearan na Gàidhealtachd a chur air an àrd-ùrlar tro cheòl, òrain agus dealbhan aig Blas 2014.

Thèid na trì cuirmean a chumail ann an ann an Taigh na Bruaich an Earra-Ghàidheal oidhche Chiadain 10mh Sultain, ann an Inbhir Ionaid an taobh siar Rois oidhche Dhiardaoin (11mh) agus ann an Inbhir Nis air an oidhche ron chuairt dheireannach (Dihaoine 12mh). Thèid na cuirmean a lìbhrigeadh le Ùisdean MacIllInnein agus am measg na bhios air an àrd-ùrlar còmhla ris bidh Megan NicEanruig, Ailean MacEanruig, Gary Innes, Linda NicLeòid, Calum Ailig Macmhaoilein agus an teaghlach ainmeil Clann Ic Ille Bhrath à Calrossie an Taobh Sear Rois. Bidh “Glòir nan Caman – Home and Away” a’ luaidh cuid de shàr-chluicheadairean na camanachd tro cheòl is òrain agus a’ measadh buaidh a’ Chiad Chogaidh air coimhearsnachdan na camanachd.

Cuiridh na filidhean an dreach fhèin air cùisean cuideachd le “Cuairt nam Bàrd”, agus Fèisean nan Gàidheal agus Comhdhàil Nàisiunta na Gaeilge a’ cruinneachadh bhàird bho shaoghal na Gàidhlig and Gaeilge agus iad air imrich feadh na Gàidhealtachd tron fhèis. Bidh an còmhlan a’ niochdadh còmhla ri luchd-sgrìobhaidh agus luchd-ciùil ionadail anns An Òban (Dimnìrt 9mh), Slèite Diciadain agus Inbhir Nis (diardaoin, 11mh).

A bharrachd air ceòl is eile, am bliadhna aig Blas, bidh blasad de bhiadh is deoch na sgìre ri fhaighinn an-asgaidh aig a’ mhòr-chuid de na tachartasan. Aig cuid de na cuirmean, bidh beagan a bharrachd ann le iomairt Feuch Blas.

Tha fiosrachadh mu na tachartasan sin le biadh is deoch, agus am prògram iomlan de thachartasan na Fèise aig an làrach-lìn www.blas-festival.com.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council