fèisean na dàmhair a’ dèanamh deiseil

Friday 19th September 2014

Tha saor-làithean na Dàmhair air fàire is nan lùib tha Fèis Spè san Aghaidh Mhòir agus Fèis a’ Bhaile ann an Inbhir Nis a’ dèanamh deiseil airson ceala-deug làn ciùil is spòrs is leasachadh no dhà aca dhuibh cuideachd.

An toiseach anns an Aghaidh Mhòir eadar 13mh is 17mh den Dàmhair tha Fèis Spè a’ tairgse trì thachartasan eadar-dhealaichte san aon t-seachdain. Dhan fheadhainn bheaga ann an clas 1-3 bidh an Fhèis Bheag a’ tabhann bhlasadan ciùil, òrain is geamaichean. An uairsin tha Fèis a’ Mheadhain ag amas air cloinn ann an clas 4-7 le bùthan-obrach ann an iomadh ionnsramaid, dannsa-ceum, seinn agus seiseanan a bharrachd ann an dràma is geamaichean. Aig a’ cheart-àm tha Fèis nan Deugairean a’ tairgse tachartais a dh’ aona-ghnothach do dh’ àrd-sgoilearan le bùthan-obrach ann an obair-còmhlain, seinn agus teicneòlas fuaim.

A bharrachd air na tachartasan làitheil bidh gu leòr a’ dol air an oidhche cuideachd le cuirm-ciùil an luchd-oide, cèilidh, consart nan compàirtichean agus bùthan-obrach do phàrantan. Tha fiosrachadh slàn agus clàradh air loidhne ri fhaotainn aig www.feisspe.org.uk no cuiribh fios gu Caroline air 07989 907 213.

An uairsin ann an Inbhir Nis eadar 20 agus 24mh den Dàmhair tha Fèis a’ Bhaile a’ tilleadh gu Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn is iad air taghadh farsaing de dh’ ionnsramaidean a chur air dòigh a’ gabhail a-staigh bogsa-ciùil, fidheall, clàrsach, meurchlàr, feadan, drumaireachd airson còmhlain pìobaireachd agus mandolin. Na leasachadh ùr tha an fhèis air bogsa nam putan a chur ris a’ program aca às dèidh dhaibh clas ùr a stèidheachadh bho sheachdain gu seachdain. Agus a bharrachd air ionnsramaidhean ciùil bithear a’ tairgse dannsa-ceum, òrain Ghàidhlig, dràma tro mheadhan na Gàidhlig agus bùthan-obrach ann an obair-còmhlain, ealain agus iomain. Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus foirm-clàraidh an seo no cuiribh fios gu feisabhaile@feisean.org / 01463 225559.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council