bùthan-obrach ciùil a’ ghearrain

Thursday 5th February 2015

Tha iomadh fèis anns an dùthaich ri clasaichean leantainneach agus bùthan-obrach tron bhliadhna agus tha tòrr tachartasan a leithid a’ dol tron Ghearran is fèisean ionadail a’ frithealadh fheumlachdan an luchd-ciùil is seinneadairean òga anns na coimhearsnachdan aca.

An toiseach ann an Dùthaich Mhic Aoidh tha Fèis air an Oir a’ cumail bhùthan-obrach ciùil do dh’ òigridh eadar 8 is 18 Disathairne 7 den Ghearran ann am Bun-sgoil Mhealbhaich. ’S ann eadar 10.30m is 1f a thèid na clasaichean air adhart le taghadh farsaing de chuspairean rom feuchainn: feadan, fìdeag, bogsa-ciùil, seinn agus fidheall. Airson barrachd fiosrachaidh air an fhèis seo cuiribh fios gu Rachel Harris air 01463 225559 no rachel@feisean.org.

Air an aon latha ann an Inbhir Nis tha Fèis na h-Òige a’ tabhann bhlasadan-ciùil ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis eadar 2 is 4f Disathairne. ’S ann tro mheadhan na Gàidhlig a tha na bùthan-obrach seo agus gheibhear òigridh eadar 8 is 18 bliadhna a dh’ aois an cothrom clàrsach no bogsa-ciùil fheuchainn. Aig a’ cheart-àm bheir an Fhèis Bheag cothrom do chloinn eadar 5 is 7 bliadhna a dh’ aois pàirt a ghabhail ann an seiseanan seinn, ealain is gheamannan. Bha fèill cho mòr air na clasaichean seo ’s gu bheil an fhèis air clas bogsa-ciùil a bharrachd a chur air dòigh. Airson àite fhaotainn cuiribh fios gu Isla O’ Reilly air islaoreilly@yahoo.co.uk no 07904 255 726. Gheibhear lorg air Fèis na h-Òige air Facebook agus www.feisean.org cuideachd.

An uairsin ann an Leòdhas tha aighear air Fèis an Rubha fhoillseachadh gu bheil tachartas ùr gu bhith aca Dihaoine 20 is Disathairne 21 den Ghearran a dh’ aona ghnothach do dh’ àrd-sgoilearan. ’S ann air sgilean obair-còmhlain agus seinn a bhios an tachartas ag amas le stiùireadh is taic bho Mhàiri NicLeòid agus Norrie MacIomhair. Airson barachd fiosrachaidh no airson àite fhaotainn cuiribh fios gu Shona Nic a’ Mhaoilein air 07584 053 289 no shona@feisean.org.

Ann an Inbhir Theòrsa tha bùth-obrach gach mìos aig Fèis Ghallaibh agus ’s ann air 28mh den Ghearran a bhios an ath latha aca. Gheibh daoine òga an cothrom oideachas fhaotainn ann an caochladh ionnsramaid: fidheall, fìdeag, bogsa-ciùil, drumaireachd is eile. ’S ann an Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa agus tha fàilte air òganach sam bith eadar 8 is 18 bliadhna a dh’ aois pàirt a ghabhail. Airson barrachd fiosrachaidh no àite fhaotainn cuiribh fios gu Kathryn Cartwright, pkrri@btinternet.com.

Air an aon deireadh sheachdain tha an t-uabhas a’ dol ann am Bun-sgoil na h-Aghaidh Mòire le Fèis Spè. An toiseach thathar a’ cumail tachartais dha bun-sgoilearan Disathairne 28 den Ghearran le bùthan-obrach fìdhle, giotàir is drumaireachd do chloinn ann an clas 4 -7 agus Fèis Bheag dha bhun-sgoilearan ann an clas 1 gu 3 a bheir seachad blasad aotrom de cheòl, sheinn is de dh’ ealain. An uairsin Didòmhnaich 1 den Mhàrt ’s ann gu seinn a tha Fèis Spè a’ tionndadh le latha de dh’ òrain Ghàidhlig le Fiona NicChoinnich. Tha am bùth-obrach ùr seo freagarrach do dh’ òigridh bho chlas 5 sa bhun-sgoil gu S6 san àrd-sgoil agus chan fheumar eòlas seinn no Gàidhlig airson na bùth-obrach neo-fhoirmeil seo – ‘s e cothrom rudeigin ùr fheuchainn ann an àrainneachd thaiceil. Tha barrachd fiosrachaidh agus clàradh air loidhne ri fhaighinn aig www.feisspe.org.uk no cuiribh fios chun an oifigear leasachaidh aca Caroline Sterritt air 07989 907 213 no caroline.sterritt@feisean.org.

Agus ann an Goillspidh air an aon deireadh sheachdain – Disathairne 28 den Ghearran agus Didòmhnaich 1 den Mhàrt – tha prògram trang a’ dol aig Fèis Chataibh cuideachd is iad a’ cumail dà sheòrsa bùth-obrach agus cèilidh.  A’ toìseachadh madainn Disathairne agus a’ dol gu ruige 2f Didòmhnaich thathar a’ cumail bhùthan-obrach ann an obair-còmhlainfreagarrach dha luchd-ciùil òga a tha air ìre cluiche nas adhartaiche a ruighinn le Gordon Gunn, Charlie McKerron agus Marc Clement a’ lìbhrigeadh an teagaisg.  A bharrachd air seo bidh bùthan-obrach eile a’ dol Disathairne 28 den Ghearran a bhios freagarrach dha òigridh bho 8 bliadhna a dh’ aois de chomas ciùil sam bith. Tha taghadh farsaing de dh’ ionnsramaidean air thairgse: fidheall, bogsa-ciùil, clàrsach, meurchlàr, giotàr, feadan agus òrain Ghàidhlig agus fìdeag dha luchd-tòiseachaidh. ’S e tachartas aon latha a th’ ann a thèid air adhart ann an Àrd-sgoil Ghoillspidh.  Tha an fhèis a’ cumail cèilidh teaghlaich an uairsin oidhche Shathairne ann an Taigh-òsta a’ Chabair ann an Goillspidh bho 7f. Tha barrachd fiosrachaidh air na tachartasan seo is foirm-clàraidh ri fhaotainn an seo no cuiribh fios gu Debbie Celli air 07731 761 982 no debbiecelli@yahoo.co.uk. Gheibhear lorg air Fèis Chataibh air Facebook cuideachd.

Tha tòrr fèisean ri tachartasan anns na h-ealain traidiseanta tron Ghearran – nach toir sibh sùil airmapa nam fèis gus faighinn a-mach na tha dol anns an sgìre agaibh fhèin.  Tha naidheachd nam fèis ri fhaicinn air duilleagan Facebook is Twitter Fèisean nan Gàidheal cuideachd.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council