fèisean air fàire – ceòl, dràma, dannsa, ealain is fealla-dhà

Thursday 5th February 2015

Tha a h-uile coltas ann gu bheil an Gearran gu bhith na mhìos trang trang is fèisean air feadh na h-Alba air raon farsaing de chothroman anns na h-ealain traidiseanta a chur air dòigh do dh’ òigridh ri linn shaor-làithean nan sgoiltean.

An toiseach tha Fèis Mhuile a’ cumail fèise a mhaireas dà latha bho Dhihaoine 13mh gu Disathairne 14 den Ghearran. Tha comataidh ùr Fèis Mhuile air sàr-sgioba de luchd-teagasg a thrusadh dhan òigridh agus thathar a’ tairgse bhùthan-obrach anns na leanas: bogsa-ciùil, feadan is a’ phìob, giotàr, meurchlàr, drumaireachd, seinn agus dannsa-ceum. ’S ann air òigridh eadar 8 is 18 bliadhna a dh’ aois a tha na bùthan-obrach seo ag amas, ach bidh cothrom aig an fheadhainn bheaga eadar 3 is 7 bliadhna pàirt a ghabhail anns an Fhèis Bhig.  Agus, gus an fhèis a thoirt gu ceann, deanaibh cinnteach gun tig sibh a-mach gu Talla Bhun Easain bho 9f Disathairne airson oidhche mhòr de cheòl is dannsa leis an sgioba teagaisg. Airson barrachd fiosrachaidh agus clàraidh cuiribh fios gu Morven Gibson air 01681 708 000 no mgibson@swmid.co.uk. Gheibhear lorg air an fhèis air Facebook cuideachd.

Chun an taobh sear an uairsin far a bheil Fèis Dhùn Èideann a’ tairgse taghadh farsaing de chuspairean Disathairne 14, Diluain 16mh agus Dimàirt 17mh ann am Bun-sgoil Taobh na Pàirce. Thathar a’ roinn na fèise seo ann an dà leth le tachartasan do dh’ àrd-sgoilearan Disathairne agus tachartasan do bhun-sgoilearan Diluain is Dimàirt. Airson tuilleadh fiosrachaidh is foirm-clàraidh cuiribh fios gu Gillian NicDhòmhnaill air feisdhuneideann@feisean.org no 07514 386925.

Air faire air a’ Pharbh an uairsin tha Fèis an Iar Thuath ann an Sgobhairigh a’ cumail na fèise bliadhnail aca thairis air dà latha bho Dhiluain 16 is Dimàirt 17 dhen Ghearran. Gheibhear compàirtichean roghainn bho na leanas: fidheall, bogsa-ciùil, feadan, giotàr, drama, obair-còmhlain agus – na leasachadh ùr am bliadhna – drumaireachd. ’S ann do dh’ òigridh eadar 8 is 18 bliadhna a dh’ aois a tha na bùthan-obrach seo freagarrach ach coltach ri iomadh fèis eile bithear a’ tairgse Fèis Bheag dhan fheadhainn bheaga fo aois a h-ochd. Air oidhche Luain tha an fhèis dol a chumail Cèilidh ann an Talla-baile Sgobhairigh ‘s seo na shàr-chothrom dhan teaghlach is dhan choimhearsanachd air fad ceòl na sgioba teagaisg a chluinntinn. Airson barrachd fiosrachaidh is clàradh cuiribh fios gu Sheilah Cunningham air 01971 502 072 no sheilahcunningham@btinternet.com.

Air Eilean Ìle an uairsin bidh Fèis Òigridh Ìle is Dhiùra a’ cumail na fèise bliadhnail aca anns a’ Bhogha Mhòr bho Dhiciadain 18mh gu Dihaoine 20mh. Thathar a’ tairgse iomadh seòrsa cuspair thairis air an trì latha – airson barrachd fiosrachaidh cuiribh fios gu Sharon McHarrie air 01496 850 482 no sharonmcharrie@gmail.com.

Agus Disathairne 21 den Ghearran bidh Fèis Inbhir Narainn a’ tilleadh leis an latha-ciùil mhìorbhaileach aca ann an Ionad Coimhearsnachd is Ealain Inbhir Narainn. ‘S e fèis bhliadhnail a tha seo a bhios a’ tairgse bhùthan-obrach freagarrach dha iomadh aois is comas ann an taghadh farsaing de chuspairean, nam measg: fidheall, drumaireachd, òrain Ghàidhlig, òrain Albais, fìdeag, dannsa-ceum, cruthachadh òran, bogsa-ciùil agus Fèis Bheag dha bun-sgoilearan eadar clas 1 agus 3. Tha fàilte air clann agus inbhich pàirt a ghabhail anns an fhèis agus bidh ‘bùthan-obrach beaga’ nan cothrom rudeigin ùr fheuchainn aig ìre-tòiseachaidh. Feuchaibh gun tig sibh chun na cèilidh aig deireadh na fèise bho 7f airson ceòl air leth bhon luchd-oide agus cothrom na brògan dannsaidh a chur gu feum. Airson clàr-ama slàn agus clàraidh bheiribh sùil airwww.feisinbhirnarainn.co.uk no cuiribh fios gu Rhona NicDhòmhnaill air 01667 462 681. Gheibhear lorg air an fhèis air Facebook agus Twitter cuideachd.

Agus mu dheireadh thairis air an deireadh sheachdain 21 agus 22 den Ghearran cruinnichidh luchd-ciùil òga ann am Malaig airson Fèis Loch Abair nan Deugairean. ’S e prìomh amas an tachartais seo òigridh agus fèisean na sgìre a thoirt còmhla is e na shàr-chothrom eòlas a chur air an dà chuid dualchais bheartaich Loch Abair agus air co-aoisean ceòlmhor eile. Tha an fhèis seo fosgailte do dh’ àrd-sgoilearan de dh’ aois sam bith agus airson an fheadhainn a bhiodh a’ siubhal astair gu ruige Mhalaig tha àite-fuirich is biadh ri fhaotainn. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air seo bho Vicky Maclean air 01397 704 132 no vicky@feisean.org.

Ma thathar airson barrachd fhaighinn a-mach mu na tachartasan seo no mu ghin dhe na fèisean a tha stèidhichte air feadh Alba cuiribh fios thugainn air 01463 225559 no brath@feisean.org. A bharrachd air tachartasan fa-leth tha grunn fhèisean ri clasaichean is bùthan-obrach leantainneach tron bhliadhna. Chithear na tha dol bho sheachdain gu seachdain anns an sgìre agaibh fhèin air mapa nam fèis, agus bidh a h-uile naidheachd a’ nochdadh air duilleagan Facebook agus Twitter Fèisean nan Gàidheal.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council