dealbh-chluich mun chogadh mhòr a bhrosnaicheas na gàidhlig

Tuesday 10th February 2015

Tha Meanbh-chuileag, an t-seirbheis dràma-oideachaidh a tha mar phàirt den iomairt Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal, air chuairt an-dràsta le ‘Obair Latha Tòiseachaidh’, dràma Bheurla stèidhichte aig àm a’ Chogaidh Mhòir.  Le deich taisbeanaidhean ann an ochd sgoiltean, tha an dealbh-cluiche air a chur ri chèile gus toirt air cloinn smaoineachadh air a’ bhuaidh a bh’ aig a’ Chogadh air muinntir na Gàidhealtachd. Bidh clann ann am bun-sgoiltean air feadh Loch Abar, Earra-Ghàidheal is siorrachd Pheairt a’ faicinn an dealbh-cluiche eadar-obrachail seo, is tha cothrom ann dhaibh abairt Ghàidhlig no dhà ionnsachadh an cois an taisbeanaidh.

Ag innse sgeulachd balaich òig Ghàidhealaich ‘s e an dùil falbh don oilthigh, ionnsaichidh clann mu bheatha air a’ Ghàidhlteachd aig toiseach an 20mh linn, agus cuideachd mu bheatha an t-saighdeir sna treinnsichean. ‘S e Dougie Beck, fear de dh’oifigearan dràma na buidhne, a leasaich an dealbh-cluiche, le taic bho Aonghas MacLeòid (a tha cuideachd na oifigear dràma aig Fèisean nan Gàidheal), agus Artair Donald, an cleasaiche iomraiteach.

Mar a thuirt Dougie: “Chaidh an dealbh-cluiche seo a dhèanamh sa Ghàidhlig an toiseach, is chaidh a thoirt timcheall sgoiltean Gàidhlig an-uiridh. Leis gu bheil sinn air tòrr a dhèanamh ann an sgoiltean Beurla o chionn beagan bhliadhnaichean is sinn an sàs ann a bhith a’ teagasg Gàidhlig mar dhàrna cànain, bha sinn airson cothrom a thoirt do chloinn dràma fhaicinn a bha a’ fighe còmhla Gàidhlig, eachdraidh agus dòighean-beatha dhaoine a bha beò aig àm a tha fìor chudromach ann an eachdraidh na Gàidhealtachd. Chaidh a chur ri chèile le sùil air a’ chuireacalaim airson sàr-mhathais, is mar sin, a bharrachd air an spòrs a tha na lùib, tha buannachadan dha-rìribh ann don chloinn a thaobh foghlaim.”

Tha an taisbeanadh aona-neach seo gu bhith a’ tadhal air na sgoiltean a leanas:

Diluain 9 Gearran – Bun-sgoil Inbhir Lòchaidh
Diluain 9 Gearran – Bun-sgoil na Ban-naoimh Brìghde
Dimàirt 10 Gearran – Bun-sgoil Shrath na h-Apann
Diciadain 11 Gearran – Bun-sgoil Ghleann Lìomhainn
Diardaoin 12 Gearran – Bun-sgoiltean Dhrochaid an Aonachain agus Dhrochaid Ruaidh
Diardaoin 12 Gearran – Bun-sgoiltean Achadh an Todhair Uaraich agus a’ Ghearasdain
Dihaoine 13 Gearran – Bun-sgoil Bhanbhaidh

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun dealbh-chluich agus mun turas cuir fios gu Dougie Beck aig oifis Fèisean nan Gàidheal ann an Inbhir Nis air 01397 704132 no dougie@feisean.org

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council