pìobaireachd is poppies an dùthaich ‘icaoidh

Friday 13th March 2015

Tha Fèis air an Oir an sàs ann am pròiseact ùr air leth inntinneach ann an co-bhonn ri Taigh-tasgaidh Srath Nabhair a tha a’ rannsachadh agus a’ toirt am follais ciùil, agus gu h-àraid ceòl na pìoba, a tha ceangailte ris a’ Chiad Chogadh ceud bhliadhna bho thòisich e.

Le taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir agus Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba tha ‘Pìobaireachd is Poppies’ ag obair gu dlùth le coimhearsnachd Dhùthaich MhicAoidh gus faighinn a-mach mu na puirt a chluich agus a rinn às ùire na pìobairean a bha an sàs anns a’ chogadh agus na sgeulachdan air an cùl.

Tha òigridh Fèis air an Oir gu dlùth an sàs anns a’ phròiseact agus tha iad a’ cleachdadh cheisteachain gus fhaighinn a-mach mu eachdraidh ciùil an teaghlaich agus an coimhearsnachdan. A bharrachd air seo tha an fhèis dol a chumail ‘latha ciùil is còmhraidh’ aig deireadh a’ Mhairt ann an Tunga gus cothrom a thoirt dhan choimhearsanchd a thighinn còmhla agus sgeulachdan is ceòl bhon chogadh a dh’ innse agus a chluich dha chèile.

Agus, aig a’ cheann thall den phròiseact, bidh an fhèis cuideachd a’ cur ri pìos ciùil ùr a nithear mar chuimhne air na gillean a dh’ fhalbh chun a’ Chogaidh.

Ma tha ùidh agaibh anns a’ phròiseact inntinneach seo no ma tha sgeulachd agaibh ri innse nach cuir sibh fios gu Taigh-tasgaidh Srath Nabhair air 01641 521418 no info@strathnavermuseum.org.uk . Gheibhear an naidheachd as ùire bhon phròiseact bhowww.strathnavermuseum.org.uk no air duilleag Facebook a’ phròiseict.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council