ceòl sa chèitean an dùn èideann

Tuesday 21st April 2015

Tha program trang de chlasaichean ann an ceòl, seinn is dannsa a’ dol aig Fèis Dhùn Èideann fad na bliadhna an cois teirm na sgoile. Thathar a-nis a’ dèanamh dieseil airson toiseach na teirme ùire agus àite no dhà ri fhaotainn anns na clasaichean tron Chèitean is tron Ògmhios.

Bhon 2na dhen Chèitean chun an 20mh dhen Ògmhios bidh clasaichean a’ dol aig Fèis Dhùn Èideann gach Disathairne ann an Ionad Coimhearsnachd Crois na Cìse eadar 12.45 is 3.45f.

Tha taghadh farsaing de chuspairean air an tairgse, nam measg: seinn, clàrsach, bogsa-ciùil, dannsa-ceum, feadan is a’ phìob, giotàr agus obair-còmhlain. Tha na clasaichean fosgailte do sgoilerean eadar 8 is 18 agus tha leasannan air an tairgse aig ìrean tòiseachadh, eadar-meadhanach agus adhartach. Tha cothrom aig clann nas òige ann an clas a dhà no nas àirde pàirt a ghabhail ann an clasaichean seinn agus clàrsaich.

’S ann am buidhnean a thèid na clasaichean a chumail agus tha seachd seachdainean anns an teirm seo. Mairidh gach clas mu uair a thìde is iad a’ cosg £6.50 an duine.

Airson barrachd fiosrachaidh no airson àite a ghleidheadh cuiribh fios gu Gillian NicDhòmhnaill air 07514 386 925 no feisdhuneideann@feisean.org. Gheibhear foirmichean-iarrtais is fiosrachadh mu na clasaichean an seo.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council