Hùb agus Hàb air ghleus le sgoiltean-àraich

Tha dealbh-chluich Gàidhlig ùr aig Fèisean nan Gàidheal a th’air turas an t-seachdains’ ann an ceann a deas na dùthcha ag amas air clann anns na tràth-bhliadhnaichean.

Tha ‘Hùb Hàb air Ghleus’ stèidhte air ceòl agus seinn agus thèid sùil a thoirt air a’ chuspair tron chàirdeas eadar na caractaran Hùb agus Hàb.  Tron dealbh-chluich, bidh na caractaran seo a’ cuideachadh a chèile gus na gibhtean-ciùil aca fhèin a lorg.  ‘S e MJ Deans (Hùb) agus Iain Beggs (Hàb) a tha cleasachd anns an dealbh-chluich agus ga toirt timcheall sgoiltean-àraich agus bun-sgoiltean ann an Cille Bhrìde an Ear, Cille Mhearnaig, Comar nan Allt, Drochaid an Easbuig, Grianaig, Dùn Èideann agus Glaschu.

Thòisich an turas, a mhaireas còig latha, air madainn Diluain 18 Giblean aig Sgoil-àraich Bheinn Chamshroin ann an Cille Bhrìghde an Ear agus thig e gu crioch le taisbeanadh aig sgoil-àraich Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu feasgar Dihaoine 22 Giblean.  Tha an dealbh-chluich ag amas air chlann òga eadar trì agus còig bliadhna a dh’aois ach tha e freagarrach do chlann nas sine cuideachd agus aig cuid de na taisbeanaidhean san turas bi cothrom aig sgoilearan ann am prìomh a h-aon agus prìomh a dhà ga fhaicinn.

Tha an dealbh-chluich seo a’ togail air an turas leis an dealbh-chuich phìleatach ‘Hùb Hàb air a’ chroit’ a thadhal air sgoiltean-àraich ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd anns an Fhaoilleach 2015.

Chaidh ‘Hùb Hàb air Ghleus’ a’ sgrìobhadh ‘s a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid a tha na Oifigear Dràma aig Fèisean nan Gaidheal le taic a bharrachd le ceòl bhon t-seinneadair Kirsteen Ghreumach agus Eilidh NicCoinnich, a tha na Manaidsear Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal agus ‘s i a sgrìobh cuid de na h-òrain agus fuinn a dh’aona ghnothach air a shon.

Tha Fèisean nan Gàidheal fada an comain Bòrd na Gàidhlig airson taic-airgid a tha sinn a’ faighinn bhuapa gus pròiseactan dràma ùra den leithid a’ leasachadh ‘s a lìbhreagadh do bhuidhnean thràth-bhliadhnaichean.

Thuirt Aonghas MacLeòid: “Tha sinne airson an t-seirbheis seo do bhuidhnean tràth-bhliadhnaichean a’ leasachadh airson gach ìre na roinne seo agus cothrom a bharrachd a thoirt do bhuidhnean ro-sgoile taisbeanaidhean dràma fhaicinn a bhrosnaicheas na Gàidhlig ann an dòigh a tha freagarrach do aois na cloinne. Tha torr buidhnean-coimhearsnachd san sgìre mar Cròileagain ‘s buidhnean Pàrant ‘s Pàiste a gheibheadh buannachd à cothrom dealbh-chluich mar seo fhaicinn agus dealbhan-cluiche eile san àm ri teachd. Nì Fèisean nan Gàidheal a h-uile oidhirp gus na feumalachdan a th’aig na buidhnean thràth-bhliadhnaichean seo, ann an suidheachaidhean foirmeil agus neo-fhoirmeil, a riarachadh anns na miosan a tha ri teachd”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn ‘Hùb Hàb air Ghleus’, mun turas, ‘s na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559  no angus@feisean.org

Moladh a fhuair ‘Hùb Hàb air Ghleus’

“Mòran taing the performance was excellent and both staff and children thoroughly enjoyed it!  Hope to see you all again.”
Jackie Boyle,
Head of Nursery,
Lyoncross Nursery School/ Sgoil-àraich Lyoncross



 
”Mòran taing airson an dràma a chur air dòigh.  Chòrd sin ris a h-uile duine!”
Barbara Smith,
Ceannard na Sgoile
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council