Fèis Phàislig fosgailte do dh’iarrtasan

Tha Fèis Phàislig a-nis a’ gabhail iarrtasan gu prìomh sheachdain na fèise a thèid a chumail ann am Pàislig bho Dhimàirt 19mh gu Dihaoine 22na den Iuchar 2016.

 

Seo an dàrna fèis a bhios ga cumail ann am Pàislig agus às dèidh tachartais air leth soirbheachail an-uiridh tha an comataidh air cùisean a leasachadh is cuspairean a bharrachd a thairgse dha compàirtichean.

 

Am bliadhna bidh compàirtichean a’ taghadh trì cuspairean mach à deich diofar rudan mar a leanas: fidheall, bogsa-ciùil, giotàr, clàrsach, seinn, feadan is a’ phìob, dràma, drumaireachd, fìdeag agus ukelele. Tha an fhèis air sàr sgioba de luchd-teagaisg a thrusadh is bidh cothrom aig compàirtichean is pàrantan an cluinntinn aig cèilidh air oidhche Dhiardaoin dhen fhèis. Gheibh compàirtichean fhèin cothrom a ghabhail ris an àrd-ùrlar is an sgilean ùra a thaisbeanadh aig cuirm-ciùil na fèise air feasgar Dihaoine.

 

’S ann do dh’òigridh eadar 8 is 18 bliadhna a dh’aois a bhios an tachartas seo freagarrach le clasaichean gan tairgse aig a h-uile ìre comais. Tha cosgais £65 air an fhèis airson nan ceithir latha a theagaisg le lùghdachaidhean a bharrachd rim faotainn far a bheil còrr is aon phàiste bhon aon teaghlach an làthair.

 

Gheibhear fiosrachadh slàn mu chuspairean, luchd-teagaisg, prìsean agus dòighean clàraidh aig www.feisphaislig.com no faodar fios a chur air cathraiche na fèise Grant Mac a’ Phàrlain air info@feisphaislig.com.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council