Fèis Mhoireibh a’ comharrachadh an deicheamh bliadhna

Air an deireadh-sheachdain seo tighinn bidh Fèis Mhoireibh a’ comharrachadh an deicheamh bliadhna den tachartas bliadhnail aca aig Colaiste Mhoireibh ann an Eilginn, far am bithear a’ tabhann oideachadh ann an ciùil thràidiseanta.

Bha Fèis Mhoireibh 2015 air leth soirbheachail le ceòl, geamannan, ealain agus sgeulachdan a-measg nan cuspairean airson na h-ochdad sa còig com-pàirtichean a ghabh pàirt. Fhuair iad oideachadh bho sgioba mìorbhaileach de luchd-teagaisg bhon sgìre fhèin agus nas fhaide air falbh. Am-bliadhna, gheibh com-pàirtichean cothrom pàirt a ghabhail ann an clasaichean airson am bogsa, clàrsach, dannsa-ceum, an fhìdheall, agus taghadh ùr: seinn Albais. A bharrachd air na clasaichean seo gheibh com-pàirtichean cothrom iomain a chluich feasgar Disathairne.

Thairis air a’ chola-deug a dh’fhalbh, fhuair sgoilearan aig iomadh bun-sgoil ann an sgìre Mhoireibh blasad den Fhèis nuair a thadhail Ceannard na Fèise, Steph Christie, agus cuid den sgioba luchd-oideachaidh orra.

Thuirt Steph: “Bha ar cuairt timcheall air bun-sgoiltean na sgìre air leth soirbheachail. Chòrd cùisean ris a’ chloinn agus ris an luchd-teagaisg agus tha sinn an dòchas gu bheil sinn air daoine ùra a bhrosnachadh pàirt a ghabhail san Fhèis”

Bidh an Fhèis fosgailte do dhaoine òga eadar ochd is ochd bliadhna deug a dh’aois. Thèid a cumail Disathairne 28 agus Didòmhnaich 29 den Chèitean aig Colaiste Mhoireibh UHI bho 9.30m – 4f gach latha. Bidh i a’ cosg £40 an duine (£30 dha gach duine-cloinne a bharrachd san teaghlach) agus ‘s urrainnear clàradh a dhèanamh air loidhne aig www.feismhoireibh.co.uk no air pòst-d aig steph@clarbo.com.

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council