Hùb agus Hàb air ais air an Rathad

Ghabh an dàrna turas de Hùb Hàb air Ghleus, dealbh-chluich Gàidhlig aig Fèisean nan Gàidheal airson buidhnean thràth-bhliadhnaichean, àite an t-seachdain sa chaidh sa Chrios Mheadhanach agus  siorrachd Pheairt.  

Tha an dealbh-chluich ag amas air clann anns na tràth-bhliadhnaichean agus leis an turas seo bha e ag amas gu sònraichte air buidhnean thràth-bhliadhnaichean leithid Cròileagain ‘s buidhnean pàrant ‘s pàiste san sgìre.

Tha ‘Hùb Hàb air Ghleus’ stèidhte air ceòl agus seinn agus thèid sùil a thoirt air a’ chuspair tron chàirdeas eadar na caractaran Hùb agus Hàb.  Tron dealbh-chluich, bidh na caractaran seo a’ cuideachadh a chèile gus na gibhtean-ciùil aca fhèin a lorg.  ‘S e MJ Deans (Hùb) agus Calum Barker (Hàb) a bha cleasachd anns an dealbh-chluich an turas sa agus fhuair clann à Cròileagain, buidhnean pàrant ‘s pàist, sgoiltean-àraich agus bun-sgoiltean cothrom ga fhaicinn ann an Glaschu, Àrd Ruighe, Drochaid an Easbuig, Cill Bhrìde an Ear, Cille Mhearnaig, Peairt, Obar Pheallaidh agus Dùn Èideann.

Thòisich an turas, a mhair còig latha, air madainn Diluain 13 Ògmhios aig Sgoil-àraich Ghlaschu  agus thàinig e gu crioch le taisbeanadh do Chròileagan Dhùn Èideann aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce air madainn Dihaoine 17 Ògmhios.  Tha an dealbh-chluich ag amas air chlann òga eadar trì agus còig bliadhna a dh’aois ach tha e freagarrach do chlann nas sine cuideachd agus aig cuid de na taisbeanaidhean san turas fhuair sgoilearan ann am prìomh a h-aon agus prìomh a dhà cothrom ga fhaicinn.

Bha an turas seo a’ leantainn air soirbheachas a’ chiad turais sa Ghiblean a bha ag amas air sgoiltean-àraich sa Chrios Mheadhanach.

Chaidh ‘Hùb Hàb air Ghleus’ a’ sgrìobhadh ‘s a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid a tha na Oifigear Dràma aig Fèisean nan Gaidheal le taic a bharrachd le ceòl bhon t-seinneadair Kirsteen Ghreumach agus Eilidh NicCoinnich, a tha na Manaidsear Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal agus ‘s i a sgrìobh cuid de na h-òrain agus fuinn a dh’aona ghnothach air a shon.

Tha Fèisean nan Gàidheal fada an comain Bòrd na Gàidhlig airson taic-airgid a tha sinn a’ faighinn bhuapa gus pròiseactan dràma ùra den leithid a’ leasachadh ‘s a lìbhreagadh do bhuidhnean thràth-bhliadhnaichean.

Anns an t-Sultain bidh Hùb Hàb air Ghleus a’ dol air turas timcheal bun-sgoiltean agus sgoiltean-àraich ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd mar phàirt de Fèis Blas.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn ‘Hùb Hàb air Ghleus’, mun turas, ‘s na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559  no angus@feisean.org

Moladh a fhuair ‘Hùb Hàb air Ghleus’

“Mòran taing the performance was excellent and both staff and children thoroughly enjoyed it!  Hope to see you all again.”
Jackie Boyle,
Head of Nursery,
Lyoncross Nursery School/ Sgoil-àraich Lyoncross



 
”Mòran taing airson an dràma a chur air dòigh.  Chòrd sin ris a h-uile duine!”
Barbara Smith,
Ceannard na Sgoile
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council