Blasad dha-rìribh de dhualchas na Gàidhealtachd aig Blas 2016

 

Launch

Bha cothroman aig coimhearsnachdan a bhith a’ cur ri cultar na Gàidhealtachd le soirbheachas bhon thòisich an Fhèis, agus bidh a’ cheart uidhir de chothroman eile ann am-bliadhna, nuair a thòisicheas an Fhèis air 2 Sultain, agus a’ dol air adhart chun 10mh.

Chaidh cruth na Fèise fhoillseachadh aig Talla-cluiche Cùirt Eden ann an Inbhir Nis air 29 Ògmhios nuair a chuir Fèisean nan Gàidheal gu seòl prògram a tha loma-làn de chèilidhean, cuirmean, tachartasan an sgoiltean, ceòl ann an ospadail, tadhal air dachaighean-cùraim, dràma, tachartasan teaghlaich, cuairtean agus òraidean.

Bidh fèis na bliadhna seo gu sònraichte a’ comharrachadh an 80mh ceann-bliadhna aig tè de shàr luchd-ciùil is lasairean cultarail Uibhist, Rona Lightfoot, agus cuideachd na rinneadh do cheòl Gàidhlig le sàr Sgitheanach Eòin Dòmhnallach.  Thèid obair ùr fhoillseachadh am bliadhna cuideachd – Beul na h-Oidhche gu Camhanaich – le Mairi Anna NicUalraig, an 11mh uair a tha an fhèis air pìos ciùil ùr fhoillseachadh.

Tha òigridh na Gàidhealtachd cuideachd aig cridhe na fèise mar as àbhaist agus thèid Crossing Borders le Graham MacCoinnich a chur air adhart air a’ Ghàidhealtachd airson a’ chiad uair.  Bidh na buidhnean Cèilidh air Chuairt aig Fèisean ann cho math ri Guth nan Gael – co-oibreachadh Gàidhlig is Gaeilge agus cuideachd cluinnear luchd-ciùil bho Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd aig Àrd-sgoil a’ Phluic, a bharrachd air seinneadairean bho Fuaran – pròiseact ùr agus adhartach a tha ga chur air adhart le Fèisean nan Gàidheal.

Bidh an òigridh a’ nochdadh air prògram eadar-nàiseanta eile le sàr luchd-ciùil leithid Sharon Shannon, a bhios a nochdadh airson a’ chiad uair aig Blas, Red Hot Chilli Pipers, Nuallan bho Cheap Breatann agus cuid de na seann laoich a tha air a bhith a’ nochdadh thar nam bliadhnaichean, leithid Aly Bain & Phil Cunningham a tha a’ comharrachadh 30 bliadhna còmhla.  Cluinnear buidhnean nas ùire cuideachd leithid Tide Lines, Tannara agus Kilda, a bharrachd air seinneadairean is eile air am bith luchd-frithealaidh Bhlas gu math eòlach, nam measg Màighread Stiùbhart, Darren MacIllEathain, Cairistiona Cheanadach, Seumas Greumach, Pòl MacCaluim, Linda NicLeòid, Rachel Walker, Ruairidh MacCarmaig, Anna Mhàrtainn, Ellen NicDhòmhnaill, Ceitlin Nic a’ Ghobhainn, Robert Robasdan agus Eilidh NicCarmaig.  Bidh sgrìobhaichean agus bàird Ghàidhlig cuideachd a’ frithealadh na fèise agus an com-pàirteachas le Comhairle nan Leabhraichean a-rithist ga chur air adhart.

Thuirt Donna Macrae, Stiùiriche Firefly Productions, a’ chompanaidh fastaichte le Fèisean nan Gàidheal a lìbhrigeadh na fèise: “Tha sinn air prògram a dhealbh a tha gu math làidir agus tha fiughar againn mar as àbhaist, ri bhith a’ toirt deagh cheòl gu coimhearsnachdan beaga, a bharrachd air a bhith a’ cur tachartasan air adhart ann an sgoiltean, ospadail agus dachaighean cùraim.”

Thuirt Fiona Hyslop, Rùnaire a’ Chaibineit airson Cultar, Turasachd agus Gnothaichean an taobh-muigh:  “Tha Blas air a bhith sònraichte am measg fèisean na bliadhna do dhaoine air feadh na Gàidhealtachd bhon a chaidh a stèidheachadh ann an 2004.  Tha prògram na bliadhna seo a’ tairgse clàr a tha a’ cur thairis le cèilidhean, cuirmean agus tachartasan drama sònraichte a fhreagras air daoine aig gach aois.  Chan eil a leithid eile ann a tha a’ cur uidhir ris an t-saoghal chultarail againn agus a tha a’ brosnachadh agus a’ foillseachadh cleachdadh na Gàidhlig agus fiosrachadh mun chànan.”

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseil bho Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha an fhèis Bhlas air mòran a dhèanamh, gu sònraichte ann a bhith a’ foillseachadh ceòl agus òrain thraidiseanta aig àrd ìre gu luchd-èisteachd ann an ionadan agus coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheil, bho Fàrr chun Ghearasdain, bho Cille Mhoire gu Ceann Loch Liòbhann agus bho Slèite gu Srathaidh.”  Lean e air, “Tha a’ Chomhairle air a bhith, agus leanaidh iad ri bhith, a’ cumail taic ri ceòl agus òrain thraidiseanta, le bhith a’ cur taic ri iomairtean agus buidhnean a tha stèidhte air a’ Ghàidhealtachd, mar Fèisean nan Gàidheal, a’ bhuidheann a tha a’ stiùireadh agus a’ cumail taic ris na Fèisean air feadh na Gàidhealtachd, Fèis Rois, a tha air a’ bhliadhna sa fhèin, a’ comharrachadh 30 bliadhna, Na Mòdan Ionadail agus Am Mòd Nàiseanta Rioghail. “

“Tha ionmhas na Comhairle a’ crìonadh, bliadhna air bhliadhna, rud a tha a’ dèanamh cùisean duilich ann a bhith lìbhrigeadh sheirbheisean chun aon ìre, ach, bu mhath leam an cothrom sa a ghabhail gach dùrachd agus soirbheachas a bhuileachadh air Blas 2016 agus iarraidh air na coimhearsnachdan taic a chur ris an Fhèis le bhith a’ frithealadh nan cuirmean agus tachartasan, far am faic agus far an cluinn iad ceòl agus òrain thraidiseanta aig an ìre is àirde an Alba.”

Thuirt Iain Mac a’ Ghobhainn, Ceannard Ciùil Alba Chruthachail:  “Tha fèis Bhlas suaicheanta agus na h-eisimpleir cho math ‘s a tha an Alba dhen dòigh anns an urrainn dhuinn ar cultar fhèin fhoillseachadh agus a bhrosnachadh air feadh na Gàidhealtachd agus tro Eileanan na h-Alba, agus le ruigsinneachd feadh an t-saoghail tron chom-pàirteachas le Celtic Colours ann an Ceap Breatainn agus Alba Nuadh, tro cheanglaichean a tha gu math follaiseach a-rithist ann an clàr na bliadhna seo.  Tha an obair ùr ri thighinn bho Mhairi Anna NicUalraig agus na chluinneas sinn bho shàr luchd-ciùil saoghal na Gàidhlig, a bharrachd air an t-sàr Bhuidhinn Chilli Pipers agus an dithis air a bheil sinn cho eòlach dìreach fon bhratach Phil & Aly a’ dearbhadh gu bheil tarraing san fhèis do gach neach is gach càil agus tha Alba Chruthaichail ro-dheònach a bhith taic a chumail ris an fhèis.”

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllinnein: “Tha Fèis Bhlas a-nis air aon de na tachartasan cultarach as motha a bhios a’ tachairt gach bliadhna air a’ Ghàidhealtachd.  Tha e na amas do Bhòrd na Gàidhlig taic a thoirt do dh’ealain is cultar na Gàidhlig a bhuineas an dà chuid ri dualchas nan Gàidheal agus ri nòsan ùra.  Tha am Bòrd a’ tuigsinn mar a bhios tòrr dhaoine air am brosnachadh gu bhith ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh a’ chànain às dèidh dhaibh a dhol an sàs sna h-ealain Ghàidhlig, ealain leithid ceòl, seinn, dannsa, dràma agus litreachas.”

Thuirt Joanna Peteranna, Àrd-mhanaidsear Leasachaidh HIE, stèidhichte ann am Beinn na Faoghla: “Tha an taic aig HIE airson obair ealain agus cultar a’ cur ris an obair a tha sinn a’ dèanamh son taic a chumail ri raon-fàs gnìomhachas cruthachail.  A bharrachd air a bhith a’ brosnachadh tàlant agus obair cruthachail, tha Fèis Bhlas a’ tarraing luchd-aire ùra agus daoine a tha a’ tilleadh chun na Gàidhealtachd agus gu na h-eileanan.  Tha e a’ toirt cothroman do dh’òigridh agus luchd-ciùil a tha ag ùr-thòiseachadh a bhith a’ siubhal agus gan cur fhèin air adhart aig tachartasan ionadail agus tha sinn ro-thoilichte a bhith a’ cumail taic ris an fhèis.”

Tha làn chlàr na fèise ri fhaighinn a nis aig www.blas-festival.com far am faighear fiosrachadh mu na tachartasan gu lèir agus mar a gheibhear tiocaidean.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council