Fuaran: Cruinneachadh ùr de dh’òrain Ghàidhlig

Tha Fèisean nan Gàidheal air ar dòigh glan Fuaran fhoillseachadh – goireas foghlaim ùr de dh’òrain Ghàidhlig air a rannsachadh is air a chruthachadh le seinneadairean òga nam fèis.

Stèidhich Fèisean nan Gàidheal am pròiseact seo le taic-airgid bhon sgeama Freumhan Òga aig Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean. Chaidh a lìbhrigeadh ann an co-bhonn le Tobar an Dualchais agus Colaiste a’ Chaisteil OGE thairis air dà bhliadhna.

Uile gu lèir chaidh 22 òran a rannsachadh agus a chlàradh as ùire le naoinear sheinneadair eadar 16 is 24 bliadhna a dh’aois. Tron phròiseact ghabh seinneadairean pàirt ann am iomadh seòrsa bhùth-obrach trèanaidh, beul-aithris agus seinn fo stiùir sgioba de dh’eòlaichean, is fhuair iad an cothrom clàraidhean ùra a chruthachadh le raon farsaing de luchd-obrach teignigeach.

’S e prìomh thoradh na h-obrach seo goireas foghlaim ùr de dh’òrain Ghàidhlig is thèid seo a’ sgaoileadh air CD an asgaidh gu sgoiltean, fèisean, buidhnean ealain is dualchais agus leabharlainn.

Aig a’ cheart àm tha a h-uile òran, agus na facail a bhuineas riutha, rin cluinntinn is rim faotainn air loidhne saor ’s an asgaidh. Tha sreath de bhideothan le fo-thiotalan dà-chànanach a’ cur ris a’ ghoireas didseatach seo.

Thuirt Oifigear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal agus co-òrdanaiche a’ phròiseict Raonaid Harris,

“Tha sinn air ar dòigh le toraidhean na h-iomairt seo agus tha sinn gu math pròiseil às an sgioba againn – tha iad air an t-uabhas de dh’obair a dhèanamh agus tha na clàraidhean is na bhideothan a rinn iad a’ taisbeanaadh nan òran aig fìor àrd-ìre.

Tha sinn an dòchas gum bi Fuaran na dheagh ghoireas do sheinneadairean, tidsearan agus luchd-èisteachd agus gun toir e brosnachadh do dhaoine a bhith a’ rannsachadh agus ag ionnsachadh tuilleadh òrain Ghàidhlig.

Tha sinn fada an comain Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus ar co-obraichean aig Tobar an Dualchais agus Colaiste a’ Chaisteil OGE – as aonais an taic-san cha bhiodh Fuaran ann. Tha sinn cuideachd gu math taingeil dha Alba Chruthachail agus Bòrd na Gàidhlig airson an cuid taice leantainnich a thug cothrom dhuinn pròiseact a leithid a stèidheachadh.”

Tha toraidhean Fhuarain a-nis ri fhaicinn is ri rannsachadh air loidhne aig www.feisean.org/fuaran. Bidh cothrom aig daoine taisbeanadh Fhuarain fhaicinn air an àrd-ùrlar aig an fhèis Blas as t-Sultain agus ann an Canada aig an fhèis Celtic Colours san Dàmhair.

San eadar-àm gheibhear barrachd fiosrachaidh mun phròiseact bho Raonaid Harris air 01463 22 5559 no rachel@feisean.org.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council