Dannsa is Mire ann an Inbhir Theòrsa

 

Às dèidh iarrtais shoirbheachail gu Tasgadh: Tabhartasan Beaga nan Ealain Traidiseanta tha Fèis Ghallaibh air leth thoilichte bùthan-obrach dannsaidh a thairgse aig deireadh an Iuchair ann an Inbhir Theòrsa.

Bidh an fhèis a’ cur fàilte air Lorraine Bremner gus dà latha de bhùthan-obrach dannsaidh a lìbhrigeadh ann an Inbhir Theòrsa thairis air Dimàirt 26mh agus Diciadain 27mh den Iuchar. ’S ann an Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa a bhios na seiseanan a’ dol eadar 10m is 1.30f.

Bidh na seiseanan seo freagarrach do dh’ òigridh bho chòig bliadhna a dh’ aois agus nas sinne. Chan eil na seiseanan a’ cosg ach £2 gach latha, is faodar a dhol gu aon latha a-mhàin no an dà latha còmhla.

Thuirt ionmhasair Fèis Ghallaibh Alice NicDhòmhnaill,

‘Tha sinn air ar dòigh tacharatas dannsaidh a thairgse do dh’òigridh Ghallaibh is dha-rìribh toilichte Lorraine fhastadh mar neach-teagaisg. Bidh fealla-dhà aig a’ chloinn gun teagamh sam bith, a bharrachd air cothrom an cuid sgilean dannsaidh a leasachadh fo stiùir eòlaiche leithid Lorraine.’

Tha àiteachan rim faotainn a-nis airson an tachartais seo – gus àite a ghelidheadh nach cuir sibh fios air Janice Bain aig Fèis Ghallaibh air 01847 895 879.  Gheibhear fiosrachadh a bharrachd air an tachartas seo aig www.feisean.org/event/FG2016.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council