Stòras nan ealan dùthchasach a’ leantainn

Ath cheann-latha airson iarrtasan: 30 Sultain 2016

An dèidh bliadhna shoirbheachail, bidh Tasgadh – Stòras nan Ealan Dùthchasach – a’ tairgse thabhartasan suas ri £1,000 do bhuidhnean agus luchd-ealain a tha an sàs ann an Ealain Dhùthchasach na h-Alba.

Tha an stòras fo stiùir Fèisean nan Gàidheal le taic-airgid bho mhaoin ghlèidhte Alba Chruthachail. Gheibh daoine no buidhnean a tha an sàs anns na h-ealain dhùthchasach taic bhon stòras airson cruthachadh, lìbhrigeadh, cuairteachadh no taisbeanadh an cuid obrach.  Tha taic ri fhaotainn bhon stòras airson leasachaidhean proifeiseanta cuideachd.

The dà cheann-latha fhathast air fàire ann an 2016-17 airson tagraidhean Tasgadh, a’ chiad fhear air 30 Sultain 2016. Gheibhear stiùireadh agus foirmean tagraidh aig feisean.org/tasgadh far a bheil fios cuideachd mu thabhartasan a chaidh a thairgse roimhe.

Sa bhliadhna 2015-16, fhuair maoin Tasgadh 116 tagradh. Coltach ri iomadh sgeama maoineachaidh eile, bha fad a bharrachd iarrtasan na bh’ ann de dh’airgead agus tagraichean a’ sireadh 359% den mhaoin a bh’ anns an stòras. Chaidh 64 tabhartas a thairgse – 43 airson pròiseactan ciùil, 4 airson dannsa, 9 airson sgeulaichean agus 8 airson pròiseactan ioma-ealain.

Chuir Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig, fàilte air taic leantainneach bho Alba Chruthachail:  “Tha Tasgadh air dearbhadh gu bheil iarrtas ann airson siostam gus suimean-taice beaga nach eil ro thoinnte agus a thèid a sgaoileadh nas luaithe a chur an gnìomh. Leanaidh Alba Chruthachail air, a’ toirt taic dhìreach do na h-ealain dhùthchasach agus a’ dèiligeadh ri pròiseactan mòra ann an dòighean eile, ach tha sinn air leth toilichte gu bheil maoin de £31,500 a’ toirt taic do cheòl traidiseanta an Alba, do dhannsa agus do sgeulaichean gu bhith a’ leantainn tro Tasgadh.”

Thuirt Brian Ó hEadhra, Oifigeach Ealain Ghàidhlig agus Cultair Alba Chruthachail:  “Tha sinn riaraichte leis an fharsaingeachd de dh’iarrtasan a tha a’ tighinn air adhart airson maoin Tasgadh. Tha Fèisean nan Gàidheal ri moladh airson na thathar a’ dèanamh a’ brosnachadh thagraichean agus a’ stiùireadh an stòrais. Bidh sinn a’ toirt brosnachadh do dhaoine agus do bhuidhnean ag obair sna h-ealain dhùthchasach sùil a thoirt air Tasgadh airson taic, gu sònraichte iadsan a bhios ag obair ann an Gàidhlig, ann an Albais agus far a bheil luchd-amhairc a tha doirbh a ruigsinn.”

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council