Dealbh-chluich Cheòlmhòr do Chlann Bheaga air a’ Ghàidhealtachd

An diugh ann an Inbhir Theòrsa, tòisichidh turas tron Ghàidhealtachd de Hùb Hàb air Ghleus, dealbh-chluich Ghàidhlig airson buidhnean tràth-bhliadhnaichean.  Mar phàirt den turas gheibh clann òga bho air feadh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd agus sgoilearan bun-sgoile ann an Obar Dheathain cothrom an dealbh-chluich fhaicinn a nochdas mar phàirt den chlàr-ama de thachartasan sgoile aig Fèis Blas.  Mairidh an turas deich latha eadar Diluain 29 Lùnastal agus Dihaoine 9 Sultain agus tadhlaidh Inbhir Theòrsa,  Baile Dhubhthaich, Inbhir Pheofharain, Ulapul, Geàrrloch, Am Ploc, Teanga, An t-Ath Leathann, Port Rìgh, Dùn Bheagain, Stafainn, Obar Dheathain, Inbhir Narainn, Inbhir Nis, Druim na Drochaid, Malaig, Ath Tharracail agus Caol Loch Abar.

Tha an dealbh-chluich ag amas air clann eadar trì agus còig bliadhna a dh’aois ach tha e freagarrach do chlann nas sine cuideachd.  Aig a’ mhòr-chuid de na taisbeanaidhean san turas gheibh sgoilearan ann am prìomh a h-aon, prìomh a dhà agus prìomh a trì cothrom ga fhaicinn.

Tha Hùb Hàb air Ghleus stèidhte air ceòl agus seinn agus thèid sùil a thoirt air a’ chuspair tron chàirdeas eadar na caractaran Hùb agus Hàb.   ‘S e MJ Deans (Hùb) agus Calum Barker (Hàb) a bhios a’ cleasachd anns an dealbh-chluich.  Tron dealbh-chluich, bidh na caractaran seo a’ cuideachadh a chèile gus na gibhtean-ciùil aca fhèin a lorg.

Bidh an turas seo a’ leantainn air soirbheachas a’ chiad turais den dealbh-chluich sa Ghiblean a bha ag amas gu sònraichte air sgoiltean-àraich anns a’ Chrios Mheadhanach.  Ghabh an dàrna turas àite aig deireadh na h-Òg-mhìos agus thug e cothrom a bharrachd do bhuidhnean coimhearsnachd agus buidhean bun-sgoile anns a’ Chrios Mheadhanach agus siorrachd Pheairt ga fhaicinn.

Chaidh ‘Hùb Hàb air Ghleus’ a’ sgrìobhadh ‘s a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid a tha na Oifigear Dràma aig Fèisean nan Gaidheal.  Fhuair Aonghas stiùir a thaobh ceòl bhon t-seinneadair Kirsteen Ghreumach agus Eilidh NicCoinnich, a tha na Manaidsear Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal agus  sgrìobh Eilidh cuid de na h-òrain agus fuinn a dh’aona ghnothach air a shon.

Tha Fèisean nan Gàidheal fada an comain Bòrd na Gàidhlig airson taic-airgid a tha sinn a’ faighinn bhuapa gus pròiseactan dràma ùra den leithid a’ leasachadh ‘s a lìbhreagadh do bhuidhnean thràth-bhliadhnaichean..

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn ‘Hùb Hàb air Ghleus’, mun turas, ‘s na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559  no angus@feisean.org

Moladh a fhuair ‘Hùb Hàb air Ghleus’

“Mòran taing the performance was excellent and both staff and children thoroughly enjoyed it!  Hope to see you all again.”
Jackie Boyle,
Head of Nursery,
Lyoncross Nursery School/ Sgoil-àraich Lyoncross



 
”Mòran taing airson an dràma a chur air dòigh.  Chòrd sin ris a h-uile duine!”
Barbara Smith,
Ceannard na Sgoile
Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council