Dealbh-chluich do Bhun-sgoiltean a chuireas Siria fon Phrosbaig

Thòisich tùras nàiseanta de Le Meas an t-seachdainsa, dealbh-chluich Ghàidhlig a tha ag amas air sgoilearan ann an ceann shuas na bun-sgoile, le taisbeanaidhean aig na h-ionadan Gàidhlig aig Bun-sgoil Bruach na Muilne, Inbhir Narainn agus Bun-sgoil Bhail’ Ùr an t-Slèibh.

Chaidh an dealbh-chliuch a’ riochdachadh tro Meanbh-chuileag, pròiseact theater oideachaidh Fhèisean nan Gàidheal agus mairidh an turas air a shon sia seachdainean. Tha an cuairt tron Ghàidhealtachd mar phàirt den chlàr-ama de thachartasan sgoile a th’aig Fèis Blas.

Tha Le Meas ag innse sgeulachd mun chàirdeas air-loidhne eadar dithis dheugairean, nighean Albannach, Eilidh (Catriona NicNeacail) agus Maram, nighean à Siria (Beth Frieden). Rè na dealbh-chluiche tha am buaidh a th’aig a’ chogaidh shìobhailte air Maram a tighinn am follais agus thèid mì-thuigse Eilidh mu beatha ann an Siria a cheasnachadh.  Tro chòmhraidhean Eilidh leis an luchd-amhairc, lorgar dòighean anns an gabhadh cobhair a thoirt don fheadhainn a tha fo bhuaidh an cruadal ann an Siria.

Tha Le Meas stèidhte air dealbh-chluich a sgrìobh Mairi Kidd agus chaidh turas nàiseanta a dhèanamh leatha tro phròiseact Meanbh-chuileag ann an 2007.   B’ ann mun cogadh ann an Afganistan a bha an dealbh-chluich thùsail;  am bliadhna chaidh ath-mhìneachadh den dealbh-chluich a sgrìobhadh gus a suidheachadh ann an co-theacsa an cogadh ann an Siria.   Chaidh an dealbh-chluich a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal.

Tha Fèisean nan Gàidheal fada an comain Bòrd na Gàidhlig airson a’ mhaoineachaidh a thathar a’ faighinn bhuapa gus pròiseactan theàtar oidichidh den leithid seo a’ leasachadh ‘s a lìbhreagadh do bhuidhnean bun-sgoile.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Le Meas, mun turas, ‘s na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559  no angus@feisean.org

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council