Fèis Rois a’ comharrachadh 30 bliadhna le seisean fad 24 uair an uaireadair

Tha Fèis Rois a’ comharrachadh 30 bliadhna am-bliadhna. Thairis na 30 bliadhna a dh’fhalbh, tha buaidh mhòr air a bhith aig a’ bhuidheann ann am beatha dhaoine air feadh a’ Ghaidhealtachd agus nas fhaide air falbh.

Am-bliadhna seo a-mhàin, bidh barrachd air 3,000 dhaoine air buannachd fhaighinn tro bhùthan-obrach Fèis Rois agus bidh luchd-èisteachd de chorr is 10,000 air sàr àrd-ìre de cheòl thradaiseanta na h-Alba air a ghabhail le ceòladairean Fèis Rois fhaicinn.

Thairis na 30 bliadhna a dh’fhalbh, tha ceòladairean leithid Corrina Hewat (neach-cluiche na clàrsaich le ‘The Unusual Suspects’), John Somerville (neach-cluiche a’ bhogsa còmhla ris an ‘Treacherous Orchestra’), fìdhlear bhon Eilean Dubh, Lauren MacColl agus neach-cluiche a’ bhogsa bho Achd Ille Bhuidhe, Mairearad Green, uile air cliù a chosnadh dhaibh pèin mar cheòladairean proifeiseanta as dèidh dhaibh blasad fhaighinn de cheòl thradaiseanta tro Fèis Rois.

Mar phàirt dhe na comharrachaidhean 30 bliadhna na fèise, tha Shannon Cowie, a tha air Bòrd-stiùiridh Fèis Rois, air seisean fad 24 uair an uaireadair a chur air dòigh airson airgead a thogail dhaibh.

Tha am maraton de cheòl a’ dol a bhith thairis an deireadh-sheachdain mu dheireadh den Fhèis Bhlas ann an Inbhir Nis, bho 5.30f air Dihaoine an 9mh dhen t-Sultain gu ruige 5.30f air an 10mh dhen t-Sultain.

Thuirt Fiona Dalgetty, àrd-oifigear Fèis Rois: “O chionn ghoirid, tha sinn air daoine òga fo aois 25 fhastadh air a’ bhòrd againn. Tha iad nan seann chom-pàirtichean de Fèis Rois agus tha iad a’ toirt tòrr chumhachd agus spionnadh dhan bhòrd. Tha mi air mo dhòigh ghlan gu bheil Shannon air a bhith stiùireadh an iomairt seo airson airgead a thogail.”

Thuirt Shannon Cowie: “ Tha sinn an dòchas gun gabh tòrr dhaoine bho thairis na 30 bliadhna a dh’fhalbh pàirt anns an tachartas agus tha sinn a’ faighneachd air daoine co-dhiù £10 a dhèanamh dhan fhèis tro sponsaireachd bho na teaghlaichean agus na caraidean aca. Bidh e còltach ri partaidh mòr airson ar ceann-bliadhna!”

Bidh an t-airgead a thèid a thogail uile a chosg air iomairtean agus pròiseactan chiùil tradaiseanta air feadh Siorrachd Rois. Airson barrachd fiosrachadh air na tha a’ dol an-dràsta aig Fèis Rois, nach seall sibh air www.feisrois.org

Airson ceangail a dhèanamh le Fèis Bhlas agus an cuir air bhog dhen chlàr ùr aig seann chom-pàirtiche Fèis Rois, Graham MacCoinnich, aig Eden Court, bidh an seisean a’ gluasad mun cuairt diofar ionadan ann an Inbhir Nis thairis na 24 uairean, le gach seisean a’ maireann dhà neo trì uairean a dh’fhaid. Bidh ceòl ann an Eden Court, Blàr Chùil Lodair, Taigh-òsta a’ Ghlinne Mhòir, Tuathanas Bogbain, Cafaidh Velocity, Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, taigh-seinnse a’ Phoenix agus Ceàrnag Seabhag. Bidh tòrr diofar chuspairean thairis an 24 uair a bhios a’ sealltainn na tha Fèis Rois a’ dèanamh. Mar eisimpleir dhen a seo, tha na Fìdhlearean Cill Tighearn, air a’ stiùireadh le Alpha Munro, agus na ‘Tulloch Sessioneers’, a bhios a’ coinneachadh aig an seisean leanntainneach aig Caisteal Tulaich gach oidhche Chiadain. Bidh cuid mhath dhen seisean gu sònraichte do dhaoine a tha air a bhith an sàs ann an tachartasan, clasaichean agus pròiseactan Fèis Rois thairis na bliadhnaichean. Tha rudeigin ann airson a h-uile duine, ge-bi dè an comas cluich neo eòlas a th’ agaibh air ceòl!

Tha gach pàirt dhen an seisean gu bhith air an stiùireadh le cudeigin aig a bheil ceangail ri Fèis Rois. Nam measg tha daoine leithid Barry Reid bhon Treacherous Orchestra, seanchaidh agus neach-teagaisg òrain Gàidhlig, Rona Lightfoot, agus Bryan Beattie agus Jim Gaitens a bha le chèile na phàirt mhòr de làithean tràth Fèis Rois, nuair a dh’obraich iad mar oifigearan leasachaidh na h-ealain aig Comhairle Siorrachd Rois is Cromba anns na 1980n.

Ma tha thu airson a bhith an sàs anns a’ chomharrachadh seo, nach cuir sibh fios gu Shannon Cowie aig classes@feisrois.org neo air 01349 862600.

Mur nach urrainn dhut a thighinn dhan tachartas ach tha thu fhàthast airson tabhartas a thoirt dhuinn airson cur ris an oidhrip againn gus airgead a thogail airson Fèis Rois gus toirt cothrom do dhaoine de gach aois eòlas fhaighinn air ceòl tradaiseanta, òrain, dannsa agus cùltar is cànan na Gàidhlig, seallaibh air https://www.justgiving.com/FeisRois

“Tha sinn gu mòr airson brosnachadh a thoirt do dhuine sam bith a tha air a bhith an sàs ann am Fèis Rois thairis na bliadhnaichean pàirt a ghabhail anns a’ bhuidheann ùr againn air Facebook do Alumni Fèis Rois” thuirt Shannon. “A bharrachd air a bhith a’ toirt daoine ri chèile thairis na 24 uairean dhen t-seisean air an 9mh is an 10mh dhen t-Sultain, tha sinn cuideachd airson ath-chruinneachadh a dhèanamh air na meadhanan sòisealta far an urrainn do dhaoine dealbhan agus bhideothan a’ sgaoileadh fhad sa tha sinn a’ comharrachadh na 30 bliadhna a dh’fhalbh.”

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council