Cothrom Cluiche le Fèis Phàislig is na Seiseanan Spraoi

Tha Fèis Phàislig a’ tabhann cothroim air leth do luchd-ciùil òga Siorrachd Rinn Friù a thighinn còmhla gus ceòl traidiseanta a thaisbeanadh aig Na Seiseanan Spraoi san Dàmhair mar phàirt den Spree Festival.

’S ann air òigridh a tha comasach mar-thà air ionnsramaid a chluich no air seinn a tha an cothrom seo ag amas, is bidh compàirtichean ag obair còmhla thairis air dà latha gus taisbeanadh a chur còmhla mu choinneamh consairt dheireannaich. Bidh cothrom ann cuideachd a chluich aig seiseanan air feadh Shiorrachd Rinn Friù.

Tha Fèis Phàislig a’ lorg sheinneadairean agus luchd-ciùil a chluicheas ionnsramaidean leithid a’ bhogsa-ciùil, clàrsach, fidheall, giotàr, piana agus fìdeag. Bhiodh fàilte air ionnsramaidean eadar-dhealaichte cuideachd – cuiribh fios dhan fhèis airson comhairle.

Thèid seiseanan a chumail air feadh Shiorrachd Rinn Friù tro shaor-làithean na Dàmhair. Chan iarr an fhèis air luchd-ciùil ach aon seisean a-mhàin a fhrithealadh ach feumaidh buill pàirt a ghabhail anns a’ chonsart mu dheireadh agus seisean-ullachaidh a’ chonsairt seo

Cinn-latha cudromach –

  • Diluain 17mh (10-4): Seisean Phàislig
  • Dimàirt 18mh (10-4): Seisean Rinn Friù
  • Diciadain 19mh (10-4): Seisean Arasgain
  • Diardaoin 20mh: Seisean-ullachaidh a’ Chonsairt
  • Dihaoine 21: Consart Mu Dheireadh

Thoiribh an aire – chan eil an tachartas seo freagarrach dha luchd-tòiseachaidh, agus feumaidh compàirtichean a bhith comasach air ceòl a leughadh no a thogail le cluais.

Gheibhear barrachd fiosrachadh mun chothrom seo, agus cothrom iarrtas a chur air staigh air loidhne, aig www.feisphaislig.com, no cuiribh fios gu cathraiche na fèise Grant McFarlane: grant@feisphaislig.com.

 

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council