Fèis Fhoirt nan Inbheach fosgailte dha iarrtasan

feis-fhoirt-logo-4Tha Fèis Fhoirt a’ tairgse tachartais anns na h-ealain traidiseanta a tha ag amas a dh’aona-ghnothach air inbhich san Dàmhair.

Mar as àbhaist ’s ann dha òigridh a tha tachartasan Fèis Fhoirt ach thairis air 29 is 30 den Dàmhair ann an Calasraid tha Fèis Fhoirt nan Inbheach a’ tairgse bhùthan-obrach ann an ceòl traidiseanta le taghadh farsaing de chuspairean ri fheuchainn, leithid a’ bhogsa-ciùil, fidheall, giotàr, clàrsach, seinn sa Ghàidhlig, fìdeag, bodhran agus obair-còmhlain.

Tha an fhèis air sàr sgioba de luchd-oide a chur air dòigh a bheir taic agus teagasg phroifieseanta, èifeachdach seachad le fealla-dhà gu leòr na chois:

 

  • Òrain Ghàidhlig ~ Kathleen Parker
  • Fidheall, ìre eadar-meadhanach ~ Gillian Frame
  • Fidheall, iar-thòiseachadh ~ Graham Mackenzie
  • Fidheall, adhartach (A) ~ Graham Mackenzie
  • Fidheall, adhartach (B)  ~ Gillian Frame
  • Giotàr ~ Chris Ferrie
  • Còmhlan ~ Laura Wilkie
  • Fìdeag / Duiseal ~ Conal MacDonagh
  • Bodhran ~ Martin O’ Neil
  • Bogsa-ciùil  ~ John Carmichael
  • Clàrsach ~ Esther Swift

 

Cosgaidh an fhèis £89 a tha a’ gabhail a-staigh dà latha a theagasg, seiseanan agus cèilidh.

Tha an fhèis seo fosgailte do dh’iarrtasan, le clàradh air loidhne ri fhaotainn tro earann na bùthaidh aig www.feisfhoirt.org.uk. Gheibhear barrachd fiosrachaidh is taic bho Fiona Allen air flossie.allen@yahoo.co.uk.

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council