Maoineachadh a bharrachd airson ionnsachadh na Gàidhlig

£33,000 airson Fèisean nan Gàidheal
Sanas naidheachd bho Riaghaltas na h-Alba

Gheibh còrr is 10,000 daoine òga buannachd bho mhaoineachadh a bharrachd airson teagasg ciùil, dràma agus cànain tron Ghàidhlig.

Bheir Riaghaltas na h-Alba £33,000 do Fèisean nan Gàidheal ann an 2016-17 airson taic a thoirt do dh’ionnsachadh na Gàidhlig.

Leis am maoineachadh seo thèid taisbeanadh ùr Gàidhlig le ceòl, dràma agus dannsa a leasachadh le clann bho dà bhun-sgoil Ghàidhlig – aon sgoil bhon Ghàidhealtachd agus an sgoil eile bho mheadhan na h-Alba.

Bheir e cuideachd an cothrom don bhuidheann an leasanan Gàidhlig Fèisgoil a thairgsinn do dh’ùghdarrasan ionadail nach d’ fhuair an cothrom fhathast.
Cuiridh Leas Phrìomh Mhinistear John Swinney am maoineachadh seo an cèill aig Coinneamh Bhliadhnail Fèisean nan Gàidheal.

Thuirt e: “Tha a’ Ghàidhlig na pàirt bunaiteach de chultar na h-Alba agus tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh an luach cultarail, eaconamach agus sòisealta a tha a’ Ghàidhlig a’ toirt don dùthaich air fad.

“Tha Fèisean nan Gàidheal air tabhartas air leth a chur ri ceòl traidiseanta agus ris a’ Ghàidhlig air feadh Alba tron taic agus adhartachadh a tha iad air a thoirt don chànan, gu h-àraid le bhith ag obair le daoine òga agus sgoiltean.

“Tha mi air leth toilichte gu bheil an cothrom againn maoineachadh a bharrachd a thoirt dhaibh airson an cothrom barrachd dhaoine òga a ruighinn air feadh na dùthcha, agus an cothrom a thoirt dhaibh ionnsachadh mu dheidhinn cànan agus cultar na Gàidhlig.”

Chuir Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig, fàilte air am maoineachadh a bharrachd.
Thuirt e: “Tha fiughair againn an Leas Phrìomh Mhinistear fhàilteachadh mar neach-labhairt aig ar Coinneamh Bhliadhnail agus tha sinn taingeil airson am maoineachadh seo a bheir dhuinn an cothrom gnìomhachd ealain a thairgsinn do sgoilearan ann am foghlam tron Ghàidhlig.

Tron t-seirbheis Fèisgoil againn, tha sinn air taic a thoirt do dh’iomadh ùghdarras ionadail na dleastanasan a tha sna Planaichean Gàidhlig aca a lìbhrigeadh ann an dòigh a tha èifeachdach a thaobh cosgaisean. Bheir am maoineachadh seo an cothrom do bharrachd ùghdarrasan ionadail leasanan tòisichidh sa Ghàidhlig a thoirt seachad, agus an cothrom faicinn na tha ri thairgsinn bho Fèisgoil.”

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council