Fèis Thèatar Òigridh Ghàidhlig 2016

Dealbhan bho Fèis Thèatar Òigridh Ghàidhlig 2016

Air 5 Dàmhair, ghabh ceithear thèataran-òigridh Gàidhlig bho Bhaile Dhubhthaich, Inbhir Pheofharain, Inbhir Nis agus Glaschu pàirt ann am Fèis Thèatar Òigridh Ghàidhlig, a thug cothrom do 18 deugairean le Gàidhlig cleasachd ann an theatar proifeiseanta agus taic theicnigeach fhaighinn bhon sgioba aig Eden Court. Chaidh na dealbhan-cluiche aca a thaisbeanadh do sgoilearan àrd-sgoile feasgar agus taisbeanadh poblach air an oidhche.

TÒG Bhaile Dhubhthaich
TÒG Inbhir Pheofharain
Sgioba Dràma Òigridh Inbhir Nis
Tèatar Òigridh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Tro ‘Maoin Leasachadh Dràma na Gàidhlig’ aig Bòrd na Gàidhlig, tha Fèisean nan Gàidheal agus Eden Court ag obair còmhla gus cothroman a bharrachd a thoirt do sgoilearan àrd-sgoile le Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd sgilean dràma ionnsachadh agus taisbeanaidhean dràma a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig.

Ri linn a’ mhaoineachaidh seo stèidhich an t-Oifigear Dràma aig Fèisean nan Gàidheal dà bhuidheann ann am Baile Dhubhthaich agus Inbhir Pheofharain agus le stiùireadh bhuaithe dheasaich iad dà dhealbh-chluich ùr a chaidh a thaisbeanadh aig an Fhèis.

Tha Eden Court agus Fèisean nan Gàidheal fada an comain an taic-airgid a fhuaras tro Mhaoin Leasachadh Dràma na Gàidhlig 2015/16 aig Bòrd na Gàidhlig gus an Fhèis seo a lìbhreagadh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir brath gu Aonghas MacLeòid aig Fèisean nan Gàidheal le post-dealain aig angus@feisean.org no cuir fòn thuige air 01463225559

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council