CD ùr ga chur air bhog le Fèis Chataibh

Tha Fèis Chataibh air an dòigh CD ùr le Cèilidh air Chuairt na fèise a chur air bhog le taic bho Thuathanas–gaoithe Chille Bràthar.

’S e pròiseact culturach a th’ anns a’ Chèilidh air Chuairt a tha a’ toirt cothrom dha luchd-ciùil is seinneadairean òga turas ciùil phroifiseanta a ghabhail thairis air mìosan an t-samhraidh. Tha ochd fèisean air feadh Alba a’ lìbhrigeadh Chèilidhean air Chuairt mar seo le taic bho Fhèisean nan Gàidheal gach bliadhna is tha Fèis Chataibh nam measg.

Bha seachdnar ann am buidheann Fèis Chataibh ann an 2016 – Scott Celli, Helen Gordon, Jo Maclean, Ross Macleod, Johan Mearns, Ailsa Murray agus Douglas Murray. Tron Iuchar is tron Lùnastal bha iad gu math trang a’ cluich air feadh taobh tuath na Gàidhealtachd aig cèilidhean, consartan is fiù taisbeanadh aig an fhèis Belladrum.

Chaidh an CD a chlàradh ann an Goillspidh às dèidh an turais agus bha an fhèis air leth toilichte fàilte a chur air Gordon Gunn gus stiùir a chumail air cùisean. Tha còig clàraidhean air an CD, a’ gabhail a-staigh òran Gàidhlig le Rob Donn Mac Aoidh agus òran Albais le Raibeart Burns. Bha e iomchaidh mar sin gun deach an CD fhoillseachadh aig Suipear Burns ann an Goillspidh aig deireadh an Fhaoillich.

Thuirt co-òrdanaiche Cèilidh air Chuairt Fèis Chataibh Mhairi NicFhionghain,
“Tha sinn air ar dòigh leis an sgioba òg seo a tha air an uiread a dh’obair agus de dh’ oidhirp a chur a-staigh dhan phròiseact – saoilidh mi gu bheil seo follaiseach bhon àrd-ìre de cheòl a tha ri chluinntinn anns a’ chlàradh. ’S e cothrom air leth a th’ anns a’ Chèilidh air Chuairt sgilean taisbeanaidh is cluiche a leasachadh le trèanadh agus taic bho luchd-proifeiseanta, agus le bhith a’ dèanamh CD tha iad a’ faighinn eòlais a bharrachd air an t-saoghal ciùil agus cò ris a tha e coltach a bhith ann an còmhlan proifeiseanta.

Tha sinn fada an comain Tuathanas-gaoithe Chille Bràthar a thug taic dhuinn le cosgaisean an CD, gu Fèisean nan Gàidheal airson taic leis a’ phròiseact agus dha Gordon Gunn a rinn obair air leth dhuinn leis na clàraidhean.”

Tha an CD ga reic aig £6 ann am bùithtean ionadail agus air loidhne – gus leth bhreac fhaighinn cuiribh fios dhan fhèis tron duilleig Facebook aca no tro phost-d: feischataibh@yahoo.co.uk.

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council