Dealbh-chluich Ùr mu Chumaidhean do Chlann Òga

Air Diluain 13 Màrt thòisich turas a mhaireas trì-làithean-deug de ‘Cumaidhean Ceòlmhor’ dealbh-chluich Ghàidhlig ùr Fhèisean nan Gàidheal, le taisbeanaidhean aig Bun-sgoil Chnoc a’ Chonaisg, Grianaig agus Bun-sgoil Thaigh a’ Chladaich, Dùn Omhainn.

Freagarrach do chlann òga ann an sgoiltean-àraich ‘s sgoilearan òga sa bhun-sgoil, cuiridh na caractaran san dealbh-chluich, Hùb agus Hàb, eòlas air cumaidhean eadar-dhealaichte le òrain, ceòl ‘s spùinneadair càirdeil don ainm Seonaidh.

Bidh an turas leis an dealbh-chliuch a’ ruith gu Diciadain 29 Màrt le taisbeanaidhean aig sgoiltean-àraich ‘s bun-sgoiltean ann an Grianaig,  Dùn Omhainn, Ìle, An t-Òban, Apainn, Glaschu, Comar nan Allt, Drochaid an Easbaig, Cille Brìde an Ear, Cille Mheàrnaig, Dùn Èideann agus an Eaglais Bhreac.  Thathar an dùil cothrom fhaighinn ga taisbeanadh ann an sgìrean eile san dùthaich nas fhaide air adhart sa bhliadhna.

Ged a bhios a mhòr-chuid de thaisbeanaidhean airson clann le Gàidhlig, gheibh sgoilearan a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig cothrom an dealbh-chluich fhaicinn nuair a thèid a thaisbeanadh ann an sgoiltean ann an Ìle agus an Eaglais Bhreac.

‘S e Ellen NicDhòmhnaill (Hùb) agus Murray Willis (Hàb) na cleasaichean san dealbh-chluich. Tha Ellen aithnichte mar sheinneadair agus tha i seinn leis a’ chòmhlan-chiùil Dàimh.  Se cluicheadair ealanta a bhogsa-chiùil a th’ann am Murray agus ann an 2016 ràinig e a’ chuairt dheireannaich den BBC Young Traditional Musician of the Year.  Thèid na tàlantan-ciùil aig an dithis aca a thaisbeanadh san dealbh-chluich.

Chaidh an dealbh-chluich a’ sgrìobhadh ‘s a’ stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal le stiùireadh a thaobh ceòl bho Eilidh NicCoinnich, a tha na Manaidsear Fèisgoil agus le chèile leasaich iad òrain agus fuinn a dh’aona ghnothach airson na dealbh-chluiche. Chruthaich Shannon White an seata agus propaichean agus sgeadaich Laura Cowie na culaidhean.

‘S e pròiseact teater airson clann sna tràth-bhliadhnaichean a th’ann an Hùb Hàb a th’air a lìbhreagadh tron t-seirbheis Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal a tha gu mòr an comain maoineachadh a fhuaras bho Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthachail.

Tha an dealbh-chluich a’ leantainn air soirbheachas ‘Hùb Hàb air Ghleus’ a chaidh a chauirt air feadh na dùthcha an uiridh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn ‘Hùb Hàb’ no na pròiseactan dràma eile a th’aig Fèisean nan Gàidheal cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid air 01463 225 559  no angus@feisean.org

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council