Barrachd Chothroman do Dheugairean aig an Sgoil Shamhraidh Dràma

Tha an Sgoil Shamhraidh Dràma aig Fèisean nan Gàidheal an dùil barrachd dheugairean le Gàidhlig a thàladh dhan Sgoil agus roghainn aig tagraichean am bliadhna cuir a-steach airson àite a mhaireas 6 latha sa chiad seachdain no an Sgoil air fad a mhaireas 12 latha.

‘S e seo an deicheamh bliadhna aig an sgoil chòmhnaidh a ghabhas àite ann am Port Rìgh eadar Diluain 3 agus Disathairne 15 Iuchar.  Tha fàilte air deugairean fileanta sa Ghàidhlig a bhios eadar 13 agus 18 bliadhna a dh’aois aig àm na Sgoile cuir a-steach air a shon.

Tha an Sgoil Shamhraidh Dràma a’ toirt cothrom air leth do dheugairean le Gàidhlig tha ag iarraidh sgilean a’ leasachadh gus cleasachd a dhèanamh air an àrd-ùrlar agus air beulaibh a’ chamara. Anns an ùine sin gheibh compàirtichean oideachadh ann an roghainn farsaing de sgilean dràma le torr spòrs ‘s fealla-dhà na chois.

Dà roghainn

Chaidh an co-dhùnadh a dhèanamh fòrmat na Sgoile atharrachadh as dèidh rannsachadh a dhèanamh na bu thràithe sa bhliadhna a dhearbhaich gu bheil deugairean ann aig am biodh ùidh pàirt a ghabhail ach cha bhiodh e comasach dhaibh a dhol ann airson 12 latha.

Foirm-iarrtais

Gus àite fhaighinn aig an Sgoil Shamhraidh Dràma chan fheum thu ach an fhoirm-iarrtais air-loidhne a’ lìonadh a lorgar le tuilleadh fiosrachaidh aig www.feisean.org/ssd

Ma tha ceistean sam bith agad mun Sgoil Shamhraidh Dràma no mun fhoirm-iarrtais cuir fios gu Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal Aonghas MacLeòid le post-d air angus@feisean.org no fòn thuige air 01463 225 559.

Tha an Sgoil Shamhraidh Dràma maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Alba Chruthachail agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council