Co-comhairleachaidh mu Fhèisean ann an Glaschu

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ cumail co-comhàirleachaidh phoblaich ann an Glaschu gus fèill airson fèis no fiù ’s fèisean tro mheadhan na Gàidhlig anns a’ bhaile a mheasadh.

Thèid coinneamh  fhosgailte a chumail Dimàirt 28 den Mhàrt ann an Talla-baile Phartaig bho 7.30f, far am bi fàilte air a h-uile duine.  Tha Fèisean nan Gàidheal airson còmhradh a chumail mu na seòrsa thachartasan a chòrdadh ri sgoilearan is am pàrantan; an ìre de thaic a tha sa choimhearsncahd gus fèis no fèisean a leasachadh agus ceumannan air adhart gus miann na coimhearsnachd a chur an gnìomh.

A bharrachd air coinneamh fhosgailte tha Fèisean nan Gàidheal a’ sireadh bheachdan air loidhne tro cheisteachain a bhios beò gu 1 den Chèitean 2017.  Gabhaidh seo a lìonadh tro cheangal tinyurl.com/glaschu.

Thuirt Ceannard Fèisean nan Gàidheal Art MacCarmaig: “Gu mì-fhortanach chan eil fèis air a bhith a’ dol ann an Glaschu airson beagan bhliadhnaichean agus tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr airson fèis tro mheadhan an Gàidhlig ath-stèidheachadh sa bhaile.  Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ sìor fhàs ann an Glaschu, agus leis an treasamh sgoil Ghàidhlig san amharc tha sinn airson còmhradh a chumail le coimhearsnachd Ghàidhlig Ghlaschu, a’ gabhail a-staigh sgoilearan is am pàrantan, gus an dà chuid fèill agus taic airson fèise no fèisean ann an Glaschu a mheasadh, gus an tèid againn fhèin an taic as fheàrr a thoirt seachad.

“Chuirinn ìmpidh air duine sam bith aig am biodh ùidh ann am fèis ann an Glaschu – ge b’ e neach-eagraidh, neach-cuideachaidh no neach-teagaisg a th’ annaibh – pàirt a ghabhail anns a’ cho-comhairleachaidh againn gus dèanamh cinnteach gun tèid am beachdan a chluinntinn. Tha caochladh dòigh ann sin a dhèanamh – le bhith tighinn dhan choinneimh fhosgailte againn, tron cheisteachain no le bhith a’ cur fios thugainne aig Fèisean nan Gàidheal.”

Nam bu thoil leibh barrachd fiosrachaidh, no nam bu thoil leibh beachd a chur thugainn, cuiribh fios air Oifigear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal Rachel Harris air rachel@feisean.org  no 01463 225559.  Gabhaidh an ceisteachain a lìonadh suas ri Diluain 1 den Chèitean tron cheangal seo:https://goo.gl/forms/VuSBX8ffqcNFrtEK2 .

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council