Fèis a’ Bhaile a’ trusadh chomataidh ùr

Tha Fèis a’ Bhaile a’ sireadh thaic bho mhuinntir Inbhir Nis airson gun lean tachartasan na fèise.

An-uiridh, chomharraich an fhèis còig air fhichead bliadhna de thachartasan ciùil is culturail sa bhaile.

A’ sgrìobhadh do theaghlaichean chompàirtichean na fèise, thuirt Katie Adam, a th’ air taic a chumail don fhèis fad iomadach bliadhna gun robh an t-àm ann gun gabhadh daoine ùra stiùir air an fhèis airson gum mair i anns na bliadhnaichean ri thighinn.

“Tha meas mòr agam fhathast air an fhèis agus tha mi a’ guidhe oirbh dìleab na fèise a chumail beò fad coig air fhichead bliadhna eile.”

Thathas a’ tomhas gu bheil co-dhiù 2000 cloinne air teagasg fhaighinn tron fhèis.

Coinneamh èiginneach

Thèid EGM a cumail Diardaoin 27 Giblean 2017 aig Ionad Crìostaidh na Cùil Daothail bho 7f, gus comataidh ùr a thaghadh.

A bharrachd air Cathraiche, Iar-Chathraiche, Ionmhasair agus Rùnaire, tha an fhèis a’ sireadh dhaoine easgaidh a bheireas taic le togail airgid agus sanasachd.

An-dràsta fhèis, bidh an fhèis a’ fastadh neach pàirt ùine a bhios a’ gabhail gnòthach ri obair rianachd.

“Chan fheum dhomh mìneachadh dhuibh dè thachras mur am faigh sinn tagraichean o dhaoine a deònach a bhith air a’ chomataidh. Cha bhith fèis ann às aonais comataidh a bheireas stiùireadh agus beachdan seachad. Chan e obair fìor dhoirbh a th’ ann air sgàth an taic a bhios sinn a’ faighinn o Fèisean nan Gàidheal agus ar neach obair-rianachd”, sgriobh a bhean-phòsta Adams.

Bidh a’ chomataidh a’ coinneachadh eadar 4 is 6 turas sa bhliadhna, gu h-àraidh ron phrìomh fhèis aca san Damhair.

Taic

Tha fàilte air duine sam bith don choinneamh a tha airson gun lean tachartasan Fèis a’ Bhaile.

 Thuirt Oifigear Leasachaidh Fèisean nan Gaidheal, Karen Oakley: “Tha sinn mothachail air an taic mhòr a bhios luchd-eagraiche a’ toirt do na fèisean. Às an aonais, cha bhiodh fèisean ann. Fiù ‘s mur an robh eòlas agad air comataidh gu ruige seo, bheir Fèisean nan Gàidheal trèanadh agus taic dhuibh nad dhreachd ùr.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun a’ chomataidh agus mu Fhèis a’ Bhaile, faodar fios a chur air Karen Oakley aig Fèisean nan Gàidheal: 01463 225 559 neo karen@feisean.org

 

 

 

 

 

 

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council