Cuir a-steach airson àite aig an Sgoil Shamhraidh Dràma

Glèidh àitè aig an Sgoil Shamhraidh Dràma le bhith lìonadh foirm-iarrtais air-loidhne ro Dhihaoine 2 Ògmhios.  Tha fàilte air deugairean fileanta sa Ghàidhlig a bhios eadar 13 agus 18 bliadhna a dh’aois aig àm na Sgoile cuir a-steach air a shon.

Bidh an sgoil chòmhnaidh a’ gabhail àite ann am Port Rìgh eadar Diluain 3 agus Disathairne 15 Iuchar.  Tha roghainn aig tagraichean  cuir a-steach airson àite a mhaireas 6 no 12 latha.

Gus àite fhaighinn aig an Sgoil Shamhraidh Dràma chan fheum thu ach an fhoirm-iarrtais air-loidhne a’ lìonadh a lorgar le tuilleadh fiosrachaidh aig www.feisean.org/ssd

Ma tha ceistean sam bith agad mun Sgoil Shamhraidh Dràma no mun fhoirm-iarrtais cuir fios gu Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal Aonghas MacLeòid le post-d air angus@feisean.org no fòn thuige air 01463 225 559.

Tha an Sgoil Shamhraidh Dràma maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Alba Chruthachail agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council