Fèis Ghàidhlig Ghlaschu air ais a Casan

Tha Fèis Ghàidlig Ghlaschu trang ag ullachadh son a’ chiad thachartais aca ann an tri bliadhna.

Às dèidh EGM soirbheachail, air an 20 Giblean 2017, chaidh comataidh ùr a stèidheachadh, ‘s tha iad a tha a-nis trang ag ullachadh airson a’ chiad fhèis aca a thèid a chumail air an deireadh-sheachdain seo a’ tighinn (26-28 Cèitean) aig Bun-Sgoil Gleann Dail. Bidh an Fhèis, a tha fosgailte do sgoilearan le Gàidhlig, a’ toirt cothrom sònraichte do dh’òigridh Ghlaschu na cuid sgilean cànain is ciùil a leasachadh le prògram farsaing, tarraingeach a bhios a ruith thairis air trì làithean.

Le tachartasan sònraichte do chloinn aig aois ro-sgoile, clasaichean ciùil do bhun-sgoilearan, clasaichean seinn dha inbhich, le oideachadh bho sàr-seinneadairean: Kathleen NicAonghais, Mairi NicAonghais agus Anna Latharna NicGillìosa, agus cafaidh Ghàidhlig cuideachd, ‘s e tachartas dha-riribh freagarrach don teaghlach air fad a bhios ann.

A bharrachd air an fhèis fhèin, thèid ceilidh teaghlaich a chumail air an oidhche Shathairne (27 Cèitean) sa bhun-sgoil eadar 7-9f, le ceòl beòthail bhon sgioba de luchd-oideachaidh tàlantach. Gheibhear tiocaidean aig an fhèis bho bhuill den chomataidh no aig an doras air an oidhche fhèin.

‘S e a’ chiad cheum a th’ anns an fhèis seo ann a bhith stèideachadh fèis bhliadhnail agus prògram ciùil do dh’òigridh ann am baile Ghlaschu agus bhiodh fàilte air beachdan no molaidhean sam bith bho mhuinntir an àite aig coinneamh fosgailte a thèid a chumail air 13 Ògmhios (àite ri dhearbhadh fhathast).

Airson tuilleadh fiosrachaidh no àite a ghlèidheadh, cuir teachdaireachd gu feisghaidhligghlaschu@gmail.org .

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council