Latha Taisbeanaidh Fèis Dhràma Earra-Ghàidheal

Bidh sgoilearan bho air feadh Earra Ghàidheal a’ tighinn còmhla aig 2 f. Dimàirt 30 Cèitean airson feasgar de dhràma Ghàidhlig a thaisbeanadh ann an Tallaichean a’ Chorrain, an t-Òban.

Tha am pròiseact seo a’ toirt cothrom do dh’òigridh na sgìre sgilean ùra ionnsachadh ‘s iad aig a’ cheart àm a’ cur ri chèile dealbhan-cluiche ùra.

Am-bliadhna bidh dealbh-chluich aig Bun-sgoil Achadh na Creige agus dà bhuidheann à Bun-sgoil Thaigh a’ Chladaich.  Bidh na dealbhan-cluiche a’ tarraing air farsaingeachd de chuspairean.

Chaidh an cleasaiche agus obraiche dràma Debbie NicAoidh fhastadh le Fèisean nan Gàidheal gus taic a thoirt do na sgoiltean a tha gabhail pàirt san Fhèis.

Tha Aonghas MacLeòid a tha na Oifigear Dràma do Fèisean nan Gàidheal air a bhith a’ co-òrdanachadh a’ phròiseict, “Tha sinn gu mòr den bheachd gu bheil dràma air leth math airson sgilean farsaing a thoirt do chloinn – labhairt poblach, fèin-mhisneachd, co-obrachadh agus modh nam measg; gach bliadhna bheir e togail dhuinn gum bi iad a’ dol suas don àrd-sgoil agus iad air sgilean ionnsachadh a bhios feumail dhaibh sna bliadhnaichean ri teachd”.

Gheibhear a-steach don taisbeanadh dràma an asgaidh (ach cuirear fàilte air tabhartasan airgid). Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Aonghas MacLeòid air 01463 225559 no angus@feisean.org

 

 

Tha Fèisean nan Gàidheal maoinichte le Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council