Fèis Inbhir Narainn a’ trusadh Chathraiche ùr

Tha Fèis Inbhir Narainn a’ lorg Chathraiche ùr agus an neach a tha an-dràsta sa chathair, Jim Falconer, air a ràdh gu bheil e an dùil an dreachd leigeil bhuaithe.

Thèid Coinneamh Bhliadhna a cumail Diluain 12mh Òg Mhìos 2017 gus Cathraiche agus comataidh ùr a thaghadh.

Stiùireadh

‘S e a bhith a’ stiùireadh thachartasan agus choinneamhan fèise, agus a’ roinn ghnìomhan am measg na comataidh agus an luchd-obrach an obair as motha a bhios fainear don Chathraiche ùr. A bharrachd air a’ chomataidh, bidh an fhèis a’ fastadh dithis – Rhona NicDhòmhnaill agus Elaine NicPhàil – a bhios a’ cumail stiùir air obair rianachd na fèise o latha gu latha.

Fàs air an fhèis

An-dràsta fhèin, bidh Fèis Inbhir Narainn a’ ruith ochd chlasaichean deug chiùil do chloinn is inbhich tro seachdain na sgoile tha am prìomh fhèis a’ tàladh corr air ceithir fichead neach sa deich. Ann an 2016, stèidhich an fhèis Cèilidh air Chuairt, a’ toirt chluicheadairean adhartach na fèise cothrom a bhith a’ siubhail agus a’ cluich air feadh na sgìre as t-samhradh.

Dreuchd thaitneach

Thuirt Jim Falconer, a tha a’ fàgail na dreuchd: “Tha dualchas òrain agus ciùil na Gàidhlig làidir. ‘S e tàmailt a th’ ann dhomh fhìn gur ann an uair a bha mi nas sine a ghabh mi ùidh ann an ceòl traidiseanta. ‘S e toileachas a bh’ ann dhomh a bhith a’ toirt chothrom don ath ghinealach a bhith a’ faighinn an aon chothrom a bhith a’ dol an-sàs. Bu mhath leam taing a thoirt do sgioba Fèis Inbhir Narainn. Is mòr an tlachd a fhuair mi a bhith ag obair còmhla ribh.”

Tha an dreuchd, a tha na obair saor-thoilleach, freagarrach air duine sam bith a tha math a bhith ag obair le daoine agus a tha eagraichte. Bhiodh sgilean compiutaireachd feumail ach chan eil iad riatanach. Bidh trèanadh rim faotainn le taic o bhuidheann taic nam Fèisean, Fèisean nan Gàidheal, mas iomchaidh.

‘S ann aig “Caerlaverock”, Rathad Alton Burn, Inbhir Narainn a bhios a’ Choinneamh Bhliadhnail Diluain 12 Òg Mhìos agus tha fàilte air duine sam bith aig a bheil ùidh san fhèis.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu obair agus riaghladh na fèise, cuiribh fios air Cathraiche na fèise, Jim Falconer- jimchris.falconer@gmail.com

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council